
RSS Feed (Really Simple Syndication)
Dè th' ann an RSS?
Le Really Simple Syndication (RSS), chì thu nuair a thèid stuth ùr a chur air làraich-lìn.
Gheibh thu na cinn-naidheachd as ùire agus artaigilean, faidhlichean claistinn, dealbhan no bhidio ann an aon àite cho luath 's a thèid am foillseachadh
Ciamar a chleachdas mi RSS Feeds?
Feumaidh tu bathar-bog airson coimhead air RSS feeds. Tha iomadh dreach ann. Gheibh thu gu cuid dhiubh le brobhsair agus 's e programan a bhios tu a' luchdadh a-nuas a th' ann an cuid eile.
Tha leughadairean naidheachd a tha stèeidhte air brobhsair a' leigeil leat coimhead air fo-ainmeachadh nan RSS feeds agad bho choimpiutair sam bith. Tha programan a dh'fhaodas tu a luchdadh a-nuas a' stòradh nan naidheachdan air a' choimpiutair agad.
Nuair a thaghas tu leughadair, bidh thu a' taghadh an stuth a tha thu airson a bhith a' faotainn. Feumaidh tu a bhith nad bhall dhe na feeds naidheachdan a tha thu airson fhaotainn.
Tha Firefox, Opera agus Safari an-còmhnaidh a' coimhead airson RSS feeds nuair a thèid thu gu làrach-lìn agus a' nochdadh ìomhaigh nuair a lorgas iad fear. Tha seo a' ciallachadh gu bheil e furasta agus deiseil a bhith nad bhall de RSS feeds.
Tha iomadh leughadair naidheachd ann. Nam measg tha:
Tha RSS feeds air an dealbh airson compiutairean a bhith gan leughadh seach daoine. Tha gach leughadair naidheachd ag obrachadh air siostaman obrachaidh eadar-dhealaichte. Feumaidh tu fear a thaghadh a dh' obraicheas air a' choimpiutair agad.
Am faod mi na feeds seo a chleachdadh air an làraich agam?
Gus Am Baile RSS feeds a chleachdadh air an làraich-lìn agad, feumaidh tu còd a chur ris an duilleig air a bheil thu airson am feed nochdadh. Mura bheil thu nad phrogramaiche, tha àite math airson còd a chruthachadh aig http://itde.vccs.edu/rss2js/build.php
Ma tha thu ag iarraidh barrachd smachd air ciamar agus dè a nochdas, feumaidh tu coimhead air fo-fhuasglaidhean frithealaiche mar JSP, ASP no PHP.
Dè na feeds a tha rom faotainn bho Am Baile?
Cùis an latha - http://www.ambaile.org/en/rss/iod_rss.xml
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village