Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
  Bliadhna Cultarail na Gàidhealtachd 2007

Tha bliadhna a tha a' comharrachadh cultar na Gàidhealtachd air tòiseachadh. Bidh seo a' toirt am follais gach cultar eadar-dhealaichte san sgìre. Bidh Am Baile aig teis-meadhan a' ghnothaich le bhith a' gleidheadh agus a' sgaoileadh cuid dhen dìleab luachmhor bho thachartasan agus bho stuthan a thèid a chruthachadh ri linn tachartasan 2007.

Ma tha thusa an sàs ann am buidheann dualchais no eachdraidh ionadail a tha am beachd tachartas no taisbeanadh a chur air bhonn ann an 2007 agus ma tha ùidh agad ann a bhith a' faighinn barrachd fiosrachaidh air ciamar a b' urrainn do Am Baile sin a ghleidheadh ann an cruth ditsiotach, leig fios thugainn.

  Gaidhlteachd 2007

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village