Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd


Fear a' Bhàta


Fear a' Bhàta lorg nithean co-cheangailte ris

Cleachd na ceangalan gu h-ìseal gus nithean co-cheangailte ris a lorg

LINN: 18l
TABHARTAICHE: Caidreachas Òran Màiri Mhòr
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Seinn! o ho ro Seinn! (CD)
DEALBHADAIR: Jane Finlayson of Tong

Audio   



Luchdaich
a-nuas MP3

Priont an
duilleag seo

Cuir post-dealain
gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr



(Tha am faidhl claistneachd seo 2646K)

Leugh an CUIDEACHADH gu h-ìseal airson an dòigh as fheàrr air èisteachd ris a' phìos seo.

Ged a thathar ag ràdh gur h-e òran traidiseanta a tha an seo, chaidh a dhèanamh aig deireadh an 18mh linn deug le Sìne Fhionnlastan à Tunga ann an Leòdhas do dh' iasgaire òg, Dòmhnall MacRath ann an Ùige. 'S e nach aithrisear gu tric gun do phòs iad uaireigin an dèidh dhi an t-òran a dhèanamh.

Nochd an t-òran ann an The Scottish Gael le Seumas MacLagain, a thàinig a-mach an toiseach ann an 1876.

Tha an t-òran air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe na Caidriche Òrain Màiri Mhòir (2002-09). Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.

'S e banaltram à Sgèabost an Eilein Sgitheanaich a bh' ann am Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain.) Rinn i tòrr òran an dèidh aois 50 anns a bheil òrain-mrich, òrain-mholaidh agus òrain shuigeartach a bharrachd air òrain a thog gearan mun dòigh san deach dèiligeadh ris na Gaidheil.

Seo faclan an òrain

Sèist
Fhir a' bhàta na ho ro èile
Fhir a' bhàta na ho ro èile
Fhir a' bhàta na ho ro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an tèid thu.

'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde,
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta,
An tig thu 'n an-diugh, no 'n tig thu màireach,
'S mur' tig thu idir gur truagh a tha mi.

Tha mo chridhe-sa briste, brùite
'S tric na deòir a' ruith om shùilean.
An tig thu 'n nochd, no 'm bi mo dhùil riut,
No 'n dùin mi 'n doras le osna thùrsaich?

'S tric mi foighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu no am bheil thu sàbhailt'?
'S ann a tha gach fear dhiubh 'g ràitinn
Gur gòrach mise, ma thug mi gràdh dhuit.

Tha Fiona NicCoinnich, neach-obrach Caidreachas Mairi Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd, air leabhar ùr, 'Orain nan Rosach,' fhoillseachadh le 30 òran Gàidhlig à Siorrachd Rois. Seo a' chiad turas a bha a leithid seo de chruinneachadh ri fhaotainn. Tha fàradh-ciùil, teudan airson giotàr, eadar-theangachadh, notaichean mu na bàird agus dealbhan à Siorrachd Rois san leabhar. Bidh daoine eòlach air cuid dhe na h-òrain bho chèilidhean ach tha feadhainn eile ann air nach bi iad cho eòlach. Tha cuid dhiubh ùr agus cuid dhiubh sean. Bidh an leabhar seo air leth feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an dualchas na Gàidhlig san sgìre



ÀIREAMH AITHNE: HC_FM_CD1_20




Faodar an CD 'Seinn! o ho ro Seinn!' a cheannach air-loidhne bho www.gaelicbooks.org agus www.musicscotland.com
Tha 'Orain nan Rosach' ri fhaotainn bho bhùithtean ciùil is leabhraichean agus air-loidhne bho www.gaelicbooks.org agus www.footstompin.com


This person is featured in Literary Landscapes

CUIDEACHADH

Gus an cluicheadair a-staigh a chleachdadh, feumaidh am plugan Adobe Flash (dreach 8.0 no nas ùire) a bhith sa bhrobhsair agad. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo.
No, mas fheàrr leat, faodaidh tu MP3 a luchdachadh a-nuas le cliog dheas air a' cheangal "Luchdaich a-nuas MP3" agus an uair sin a' taghadh "Save Target As...".


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Fear a' Bhàta

Fear a' Bhàta

Buain na Rainich

Buain na Rainich

Hì Hò Rò 's na Hò Rò Èile

Hì Hò Rò 's na Hò Rò Èile

Griogal Cridhe

Griogal Cridhe





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village