Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Agallamh le Aonghas Dòmhnallach mu thachartasan sa Chabhlach Rìoghail

Agallamh le Aonghas Dòmhnallach mu thachartasan sa Chabhlach Rìoghail

Download MP3

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

TABHARTAICHE: Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: War Detectives
DEALBHADAIR: Angus MacDonald

Audio   




(Tha am faidhl claistneachd seo 2247K)

Leugh an CUIDEACHADH gu h-ìseal airson an dòigh as fheàrr air èisteachd ris a' phìos seo.

Bha iad a' cantainn ruinn - bha 'rumour' a' dol timcheall, gu robh, an fheadhainn a chaidh thogail dha na Forces aig an àm, dhol dhan arm a bha iad, gan togail. Agus cha robh càil agam - a dh'iarraidh agam a dhol dhan arm: fhuair mi gu leòr dheth anns a 'Home Guard'. Eh, chaidh mi dhan nèibhidh. Bha mi seachd bliadhna deug gu leth agus 's ann a Champbeltown, bha sinn ann a-sin, tha mi 'smaoineachadh gur e, deich là no, deich là bha sinn ann an Campbeltown, nuair a chaidh ar cur a-null a New York. Agus uill tha fios agaibh dè mar a bha balach òg a' fàgail na h-eileanan a' coimhead New York uaireannan, saoghal eile. Agus bha sinn ann a-sin, saoilidh mi nach robh, trì seachdainean no mìos nuair a chaidh sinn suas a Chamden, Maine, a thogail bàta. 'S ann - 's e na h-Aimearaganaich a thog am bàta a bha seo. Agus chaidh sinn air sin ann am Boston bho Camden, ach an uairsin sheòl sinn gu Newfoundland agus thàinig sinn a-nall le na h-Atlantic convoys gu Breatainn.

Nuair a ràinig sinn Breatainn, tha mi 'smaoineachadh gur ann an uairsin a fhuair mi 'harvest leave', rud ris an canainn - bha an rìoghachd eagalach fialaidh a' toirt dhut harvest leave. Agus nuair a chaidh mi air ais a-rithist, chaidh mi air bàta eile agus thòisich sinn a' towadh dry-dock, floating dry-dock, à Milford Haven ann an Wales agus thug sinn sin a-null gu Astràlia.

Agus am faca sibh biot 'submarines'?

Chan fhaca sinn submarines, ach dh'fhairich sinn iad. Bha sinn a' coimhead bàtaichean a bha iad a' losgadh orr', a' dol fodha, gu math faisg oirnn. Dh'fhaodadh sinn survivors a thogail, ach chan fhaodadh sinn tòrr stad a dhèanamh, gun fhios nach dèigheadh torpedo annainn fhìn. Nan gabhadh i bhith air towaigeadh, bha cothrom againn an towaigeadh, ach cha robh cothrom againn stad idir. Chaidh am bàt' againn na teine nuair a ràinig sinn cost Astràlia agus nuair a fhuair sinn repairs - 's e something electrical a bha ceàrr - chan eil cuimhn 'am dè - motor air choireigin a chaidh na theine san einnsean.

Agus càite an deach sibh as deidh Astràlia?

Thàinig sinn air ais dha na h-Ìnnseachan, agus bha sinn ann an àite ris an canadh iad Kochin ann an ceann a deas na h-Ìnnseachan, agus fhuair sinn air falbh à sin gu Ceylon.

Agus dè an àite a chord riut?

Chan eil mi 'smaoineachadh gu robh tòrr àiteachan thall an siud a chòrd ruinn idir. Bha iad truagh -
bha daoine gu math bochd. 'S e bailtean bochd dha-rìribh a bh'ann. Bha sinn an uairsin a' dèanamh deiseil airson 'invasion of Malaya'. Agus bha iad a' peantadh nam bàtaichean; bha 'red cross' ga pheantadh air deck nam bàtaichean ach am biodh tu ga faicinn bhon adhar, agus gu fortanach surrender na Japanese mus tàinig sin. Agus as dèidh sin chaidh ar cur a-steach a Singapore - bha sinn ann an là as dèidh an surrender. 'S e àite math a bh'ann an Singapore.

Carson a bha e na àite math?

Uill, 's e baile breagha a th'ann an Singapore, agus bha cothrom againn fuireach a-staigh 'alongside' nuair nach robh bàta ann a dhèanadh an obair a bha sinn a' dèanamh, ach sinn fhìn. Agus abair thus' gu robh 'times'againn dheth. Dh'fhàg na Japanese a h-uile càil nuair a thàinig an surrender. Dh'fhàg iad càraichean 's gach nì eile bh' ac agus bha cothrom againn sin a dhraibheadh gu ruitheadh iad a-mach à peatrail - a bhith gam fàgail an uairsin. Bha cuideigin eile gan togail. 'S e bleigeardan a bh'annainn mar sin.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.



ÀIREAMH AITHNE: WD_BF01Track04MacDonaldGaelic



CUIDEACHADH

Gus an cluicheadair a-staigh a chleachdadh, feumaidh am plugan Adobe Flash (dreach 8.0 no nas ùire) a bhith sa bhrobhsair agad. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo.
No, mas fheàrr leat, faodaidh tu MP3 a luchdachadh a-nuas le cliog dheas air a' cheangal "Luchdaich a-nuas MP3" agus an uair sin a' taghadh "Save Target As...".


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Agallamh le Avril Watt mu dhùdach nan ionnsaigh adhair

Agallamh le Avril Watt mu dhùdach nan ionnsaigh adhair

Agallamh le diofar dhaoine an Ceann Loch Lìobhain mu 'Whisky Galore'

Agallamh le diofar dhaoine an Ceann Loch Lìobhain mu 'Whisky Galore'

Agallamh le Peigi Spence mu ionnsaighean air a' Ghearastan

Agallamh le Peigi Spence mu ionnsaighean air a' Ghearastan

Agallamh le Donnchadh MacAonghais mu chuimhneachan sa Chabhlach Mharsanta

Agallamh le Donnchadh MacAonghais mu chuimhneachan sa Chabhlach Mharsanta





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village