
|
Agallamh le Seumas MacNeacail mu Bhlàr Monte Casino |
|||||||||||||
|
|
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: War Detectives DEALBHADAIR: James Nicolson
|
||||||||||||
|
(Tha am faidhl claistneachd seo 862K)
Leugh an CUIDEACHADH gu h-ìseal airson an dòigh as fheàrr air èisteachd ris a' phìos seo.
Uill, bha sinn treis mhòr timcheall air Casino mus do bhris sinn a-mach às. Agus mar a bha e a' tachairt bha am monastery aig Casino, bha e gu h-àrd air mullach nam beanntan a bha sin agus cha robh e soirbh faighinn faisg air an àite. Bha na Gearmailtich, bha iad air commanndadh air - ceithir-thimcheall air Casino. Agus chaidh an uamhas dhaoine a chall ann a shin ann an Casino is chunna mi ann an leabhar an àiteigineach eadar Gearmailtich is Breatannaich is a h-uile saighdear a bha a' sabaid, a h-uile rìoghachd a bha sabaid timcheall ann a shiud, gu robh suas mu fhichead mìle air an leòn no air an call, no rudeigineach dhen t-seòrsa sin. Agus mar a thuirt mi, bha e uamhasach doirbh faighinn a-staigh ann an Casino agus tha cuimhn 'am bha aon fheasgar mar a, nuair a bhrist sinn an uairsin a-staigh an Casino a' coimhead an Air Force a' bombadh an àite. Agus tha mi a' dèanamh dheth gu robh suas ri leth-cheud plean a' dol a-staigh còmhla, chan eil fhios 'am an e, suas mu leth-cheud, timcheall air a sin, a' bombadh an àit is a' dol a-staigh is a' tighinn a-mach a-rithist is relays a' dol a-staigh ann a shin - bombs a' tuiteam fad an t-siubhail air a' mhonastery. Agus sin feadhainn, cuimhnichean a th'agam air.
ÀIREAMH AITHNE: WD_BF01Track07NicolsonGaelic CUIDEACHADH Gus an cluicheadair a-staigh a chleachdadh, feumaidh am plugan Adobe Flash (dreach 8.0 no nas ùire) a bhith sa bhrobhsair agad. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo. |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: