
(Tha am faidhl claistneachd seo 793K)
Leugh an CUIDEACHADH gu h-ìseal airson an dòigh as fheàrr air èisteachd ris a' phìos seo.
Tha cuimhn' aig a' Bh-ph I M NicArtair mar a bha Geàrd na Dachaigh aig a h-uile baile beag aig àm a' chogaidh.
An robh Home Guard, Geàrd na Dachaigh, ann an Inbhir Narainn?
Bha Geàrd na Dachaigh ann an Inbhir Narainn, bha Geàrd na Dachaigh an seo ann an Calladair agus bha Geàrd na Dachaigh ann an Crothaidh. Bha Geàrd na Dachaigh anns a h-uile baile beag cha mhòr. Ma thèid thu a-steach gu Taigh-tasgaidh Inbhir Narainn chì thu na rudan sin. Tha taisbeanadh mòr ann an-dràsta fad mìos - tòrr de dhealbhan. Bha m' athair ann an Geàrd na Dachaigh, uill, 's e Dad's Army a bh' ann gu fìrinneach: gunnaichean fiodha agus a h-uile seòrsa airson spòrs. Bha spòrs glè mhath aca, ach bha iad ann an da-rìreadh cuideachd air eagal 's gum biodh feum orra uaireigin. Ach chaidh Obair Dheathain a bhomadh. Chaidh Ceann Phàdraig a bhomadh agus Inbhir Ùige, ach sin cho faisg 's a thàinig e a-riamh oirnne.
Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

ÀIREAMH AITHNE: WD_HF07Track07Macarthur


CUIDEACHADH
Gus an cluicheadair a-staigh a chleachdadh, feumaidh am plugan Adobe Flash (dreach 8.0 no nas ùire) a bhith sa bhrobhsair agad. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo.
No, mas fheàrr leat, faodaidh tu MP3 a luchdachadh a-nuas le cliog dheas air a' cheangal "Luchdaich a-nuas MP3" agus an uair sin a' taghadh "Save Target As...".
|
Thig còmhla rinn air: