
(Tha am faidhl claistneachd seo 1346K)
Leugh an CUIDEACHADH gu h-ìseal airson an dòigh as fheàrr air èisteachd ris a' phìos seo.
Tha cuimhn' aig Beth Thom a' coinneachadh ri daoine à iomadh dùthaich an Inbhir Pheofharain san Dàrna Cogadh.
Uill, bha tòrr rudan ann, a chionns, air a' chiad àite, bhiodh tu a' frithealadh dhaoine sna h-iondan-bìdh san eaglais a h-uile feasgar, oir thigeadh na saighdearan an sin gus cèilidh a dhèanamh, còmhradh ri daoine eile, dìreach mar a tha sinn uile a' dèanamh an-dràsta, agus bha e gu math taitneach. Agus an uairsin bha na pàrtaidhean cuirmean-àbhacais ann - a liuthad rud, dannsaichean agus a h-uile seòrsa, iomadach rud. Agus bha mòran dhaoine ann bho dhùthchannan eile, gu sònraichte daoine à Nirribhidh 's às a' Phòlainn agus bha e tlachdmhor, saoilidh mi. Dh'ionnsaich sinn mòran, aon dòigh co-dhiù, tro choinneachadh ris na daoine seo, rud nach tachradh ruinn mur nach biodh sin. Bha mòran rudan ann, saoilidh mi. Agus gu dearbh bha a h-uile duine an sàs ann an rudeigin. Chaidh mise a-steach dhan Chrois Dhearg, an Red Cross, agus cuideachd bha WRIs ann, WVS, iomadh rud. Bha a h-uile duine a' dèanamh rudeigin. 'S dòcha gum biodh iad a' cur a-mach tea aig na stèiseanan rèile, mar eisimpleir. Agus mar a tha mi 'g ràdh, a' frithealadh ann an ionadan-bìdhe na h-eaglaise, agus a' cur air dòigh sgiobaidhean chuirmean-àbhacais - a h-uile duine a' dèanamh an dìchill, a chionns gu robh mòran dhaoine tàlantach san sgìre.
Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.

ÀIREAMH AITHNE: WD_HF09Track07Thom


CUIDEACHADH
Gus an cluicheadair a-staigh a chleachdadh, feumaidh am plugan Adobe Flash (dreach 8.0 no nas ùire) a bhith sa bhrobhsair agad. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo.
No, mas fheàrr leat, faodaidh tu MP3 a luchdachadh a-nuas le cliog dheas air a' cheangal "Luchdaich a-nuas MP3" agus an uair sin a' taghadh "Save Target As...".
|
Thig còmhla rinn air: