Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

A' bhan-tighearna Anna Nic an Tòisich

A' bhan-tighearna Anna Nic an Tòisich

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

LINN: 1870an
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Fraser Mackintosh (illustrations)
DEIT BHO THÙS: 1874

B' e baintighearna Anna Nic an Tòisich (1723-1787) bean Aonghais, Ceann-cinnidh Mhic an Tòisich. A dh'aindeoin 's gun robh an duine aice a' sabaid ann an arm an riaghaltais aig àm an 1745, chruinnich i Clann an Tòisich agus Clann Chatain airson a dhol a shabaid air taobh a' Phrionnsa le Mac'IlleBhràth Dhùn MhicGlais air an ceann. Thug iad am far-ainm oirre 'An Còirneal Anna' agus tha e air a aithris gun tug am Prìonnsa Teàrlach 'La Belle Rebelle' (an Reubal Bòidheach) oirre.
Goirid an dèidh Blàr na h-Eaglaise Brice bha am Prionnsa a' fuireach aig Taigh Mòigh, dachaigh a' bhaintighearna Anna, nuair a thàinig fios gu robh feachdan an riaghaltais a' dol a thoirt ionnsaigh orra. Chuir am baintighearna còignear dhe na searbhantan aice a-mach le gunnaichean gus am biodh iad a' dèanamh tòrr fuaim agus ag èigheachd glaodh cogaidh nan cinnidhean, a' toirt a chreidsinn air feachd an riaghaltais gun robh iad air tachairt air arm nan Seumasach. Dh' obraich seo agus theich na saighdearan. Thugadh Ruaig na Mòighe air an seo.

An dèidh Blàr Chùil Lodair chaidh am baintighearna Anna a chur an grèim agus bha i ann an cùram a màthar cèile airson greis.

Greis an dèidh sin nuair a bha i aig dannsa còmhla ris an duine aice ann an Lunnainn, thachair i ri Diùc Chumberland. Dh'iarr e oirre dannsa ri port a bha a' moladh an riaghaltais, ach chuir i car dhan chuibhle nuair a dh'iarr ise air fhèin a-rithist a dhol a dhannsa ri port Seumasach.

Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie



ÀIREAMH AITHNE: QZP40_159_637

Ma tha thu airson an stuth tùsail fhaicinn, theirig gu làrach-lìn an leabharlainn airson nan uairean a tha e fosgailte. Leabharlann Inbhir Nis


Lorg a-mach tuilleadh mu Teàrlach Friseal Mac an Tòisich




Nithean eile sa chruinneachadh seo...



An t-Urramach Adhamh Gunnach à Diùirnis

An t-Urramach Adhamh Gunnach à Diùirnis

Ceann Loch Scabhaig, an t-Eilean Sgitheanach

Ceann Loch Scabhaig, an t-Eilean Sgitheanach

Caisteal Mhigearnaidh, Gleann Lìobhann, Siorrachd Pheairt

Caisteal Mhigearnaidh, Gleann Lìobhann, Siorrachd Pheairt

Loch Ma-Ruibhe is Slìoch o faisg air craobh-na-fois a' coimhead gu tuath

Loch Ma-Ruibhe is Slìoch o faisg air craobh-na-fois a' coimhead gu tuath





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village