Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Caisteal na Sròine (Caisteal Urchadain)

Caisteal na Sròine (Caisteal Urchadain)

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Druim na Drochaid
LINN: 1870an
SGÌRE: An Àird
SIORRAMACHD/PARRAIST: INBHIR NIS:Urchadan 's Gleann Moireasdan
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Fraser Mackintosh (illustrations)
DEALBHADAIR: J Fleming and W Forrest
DEIT BHO THÙS: 1875
location map

Seo sealladh air Caisteal Urchardain (neo Caisteal na Sròine), Loch Nis, a' coimhead gu tuath. Air a peantadh le J Fleming agus air a snaidheadh le W Forest, chaidh an dealbh a thoirt à leabhar Iain S. Keltie, 'A history of the Scottish Highlands, Highland clans and Highland regiments' , 1875.

Sgrìobhte fon dealbh tha na facail 'ceadaichte le còir sgrìobhte 1509 do theaghlach Grannd nan Granndach a tha a-nis nan Iarlan air Rudha Nòis'. 'S e tobhtaichean tùir bhon t-17mh linn a tha rim faicinn air an làraich an-diugh, ach bha an t-ionad air a chleachdadh bho àm Linn an Iarainn. B' ann le na Cuimeinich a bha Caisteal Urchardain anns an 13mh linn agus bha Eideard I a' fuireach an sin ann an 1296 agus ann an 1303. Bha Clann Dòmhnaill nan Eilean gu tric a' toirt ionnsaigh air a' chaisteal agus bha na Cùmhnantaich a' fuireach ann ann an 1645 agus na Seumasaich ann an 1689. Sgrios an riaghaltas an caisteal ann an 1691 gus nach biodh e na dhaighneachd aig na Seumasaich. Tha Caisteal Urchardain an-diugh air a ghleidheadh le Alba Eachdraidheil as leth an Riaghaltais



ÀIREAMH AITHNE: QZP40_159_159

Ma tha thu airson an stuth tùsail fhaicinn, theirig gu làrach-lìn an leabharlainn airson nan uairean a tha e fosgailte. Leabharlann Inbhir Nis


Lorg a-mach tuilleadh mu Teàrlach Friseal Mac an Tòisich




Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Caistealan Mhic na Ceàrdaich is Goirneag-Geòdh

Caistealan Mhic na Ceàrdaich is Goirneag-Geòdh

Leacan aig Cille Mhoire a' Chnap

Leacan aig Cille Mhoire a' Chnap

Dealbhan èibhinn poileataigeach - 'Campaigning in Lochmaddy', 1885

Dealbhan èibhinn poileataigeach - 'Campaigning in Lochmaddy', 1885

Pàirt den Chloich aig Neig

Pàirt den Chloich aig Neig





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village