Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Ceann-cunntais aig Caimbeul & Co, a' Mhanachainn

Ceann-cunntais aig Caimbeul & Co, a' Mhanachainn

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: A' Mhanachainn
LINN: 1920an
SGÌRE: An Àird
SIORRAMACHD/PARRAIST: INBHIR NIS:Cill Mhòraig
TABHARTAICHE: Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: The Highland Council Archive - Billheads
DEIT BHO THÙS: 1913
location map

'S e seo an ceann-cunntais aig Caimbeul & Co. Taigh Gàidhealach a' Chlò sa Mhanachainn. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas an 21mh Samhain, 1920. Tha an ceann-reic a' moladh 'Real Harris. Shetland & Homespun Tweeds. Real Vicuna & Lovat Tweeds.'

Tha a' chomharra-cheàrd air an taobh chlì ag innse gu bheil a' bhùth 'under Royal and Imperial Patronage'. Bhiodh marsantaich aig an robh barantas rìoghail a' solarachadh bhathar do dh'àrd-fheadhainn san Teaghlach Rìoghail. Stèidhichte ann an 1858 bha an 'Highland Tweed House' ainmeil airson bathar agus seirbhisean a sholarachadh don Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrigh. Tha a' bhùth, Caimbeulaich na Manachainn, fhathast a' dol an-diugh.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca



ÀIREAMH AITHNE: GB232_HC_D594_CAMPBELL

Ma tha thu airson an rud fhèin fhaicinn no ma tha feum agaibh air barrachd fios coimhead air làrach-lìn na Tasglainn airson uairean fosglaidh. Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd




Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Ceann-cunntais aig Caimbeul & Co, a' Mhanachainn

Ceann-cunntais aig Caimbeul & Co, a' Mhanachainn

Ceann-cunntais aig MacDhòmhnaill & Moireasdan, Bròcairean Shoithichean is Bhàtaichean-smùid, Inbhir Nis

Ceann-cunntais aig MacDhòmhnaill & Moireasdan, Bròcairean Shoithichean is Bhàtaichean-smùid, Inbhir Nis

Ceann-cunntais aig Taigh-òsta an Lovat Arms sa Mhanachainn

Ceann-cunntais aig Taigh-òsta an Lovat Arms sa Mhanachainn

Ceann-cunntais aig R Noble, Rupadair, Luachadair agus Luchd-gnothaich

Ceann-cunntais aig R Noble, Rupadair, Luachadair agus Luchd-gnothaich





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village