|
'S e seo an ceann-cunntais aig R. MacRath 's a Mhic, einnseanairean chàraichean agus maighstirean eich a' phuist. Chaidh an cunntas a chur a-mach ann an 1914.
Ann an 1878, thàinig Ruairidh MacRath on Mhanachainn agus Uilleam Dick on Chaisteal Ruadh còmhla mar chompàirtichean ann an gnothachas a bha a' tairgse, air mhàl, charbadan air an tarraing le eich. Bha iad cuideachd ag obair mar àite-dèiligidh a' phuist.
Nuair a nochd càraichean, bha ùidh aig MacRath is Dick chan ann a-mhàin ann an càraichean air mhàl, ach cuideachd ann a bhith gan reic agus gan seirbhiseachd cuideachd. Mar a dh'fhàs taobh seo na gnothachais, lùghdaich an taobh a bha ag obair le eich air mhàl agus leis a' phost. An-diugh, fhathast , 's i tè de na companaidhean as motha air feadh na Gàidhealtachd ann an gnothaichean chàraichean.
Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas òagus na chuidhteas, bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca


ÀIREAMH AITHNE: GB232_D594A_MACRAE
Ma tha thu airson an rud fhèin fhaicinn no ma tha feum agaibh air barrachd fios coimhead air làrach-lìn na Tasglainn airson uairean fosglaidh. Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd


|
Thig còmhla rinn air: