Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Nota beag o Shrath Pheofhair

Nota beag o Shrath Pheofhair

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Srath Pheofhair
LINN: 1950an
SGÌRE: Inbhir Pheofharain
SIORRAMACHD/PARRAIST: ROS:Fothraitidh
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Highland Libraries - Illustrated postcards
DEALBHADAIR: J Valentine & Co.
location map

Tha a' chairt seo, air a postadh ann an 1951, a' sealltainn dealbh de chù a' cluich air a' phìob mhòir, agus tha lèabag air a' chairt a bhios a' fosgladh gus a bhith a' nochdadh pasgan fìllte de dhusan seallaidhean dubh is geal air Srath Pheofhair 's an sgìre mun cuairt air. 'S ann le sreath "Mail Novelty" aig Valentine a bha e. Chaidh deilbh den aon seòrsa an cleachdadh airson bhailtean air feadh Alba.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh a lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819.

Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite Bhictorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì le bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.

Chaidh prìomh Rùm a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha Rùm Uarach a' Phumpa, ri taobh a' Phàillinn, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàilleann Spà Shrath Pheofhair



ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_1244



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Caisteal Dhùn Bheagan

Caisteal Dhùn Bheagan

Beul Bealach Ghlinne Comhann

Beul Bealach Ghlinne Comhann

Loch Treachtan, Gleann Comhann

Loch Treachtan, Gleann Comhann

Dol fodha na grèine, An t-Eilean Sgitheanach

Dol fodha na grèine, An t-Eilean Sgitheanach





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village