Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Abhainn Nis & 'Green Scalp'

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Abhainn Nis & 'Green Scalp'

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Inbhir Nis
LINN: 1860an
SIORROMACHD/PARRAIST: INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath
TABHARTAICHE: Comhairle na Gàidhealtachd, Roinn Seilbh & Ailtirean
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Ordnance Survey of Inverness
DEALBHADAIR: Ordnance Survey
DEIT BHO THÙS: 1869
location map

'S e seo Duilleag IV.13.9 de Phlana Òrdanais Inbhir Nis (1869). Tha e a' sealltainn Abhainn Nis air an làimh chlì le Rathad Cheiseig a Deas air a bhruaich le comharra àirde an uisge air an làimh dheas, agus an 'Green Scalp' eadar na dhà.

'S e an duilleag seo pàirt de Phlana Òrdanais Inbhir Nis, suirbhidh a chaidh a dhèanamh ann an 1868, foillsichte ann an 1869. 'S e an sgèile1:500, a chaidh a chleachdadh o1855, a leig le feart sam bith a bha na bu mhotha na sia òirlich a bhith air a shealltainn, nam measg postaichean-lampa, craobhan, stoban-uisge smàlaidh, gocan uisge, dorsan-làir do dhaoine ('manholes'), staidhrichean, cabhsairean agus starranan gàrraidh. Chaidh planaichean-làir aig togalaichean poblach, leithid eaglaisean, tallannan-baile agus prìosanan, cuideachd a shealltainn. Tha mapaichean dathte air plana Inbhir Nis: dearg a' charmine airson togalaichean de chlach no de bhrioga; glas airson togalaichean fhiodha no mheatailt; odhar sienna (donn-bhuidhe) airson rathaidean; agus gorm airson uisge.

Air a chur air bhonn ann an 1791, sheall Suirbhidh an Òrdanais ri Sasainn a deas an toiseach mus do ghluais iad gu Èirinn sna 1820an agus gu Sasainn a tuath agus Alba sna 1840an. Eadar 1847 is 1895 chaidh seasgad 's a h-aon (trì fichead 's a h-aon) baile Albannach a mhapadh.



IDENTIFIER: HC_INVERNESS_1869_009


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Cromwell Road area

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Cromwell Road area

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Ballifeary

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Ballifeary

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Anderson Street & Maggot

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Anderson Street & Maggot

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Merkinch

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Merkinch





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village