|
'S dòcha an rud a bu mhotha a thog daoine ann an Gleann Urchardain 's e sin Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir (Sligh'-uisge na h-Alba). 'S e pròiseact gu math mòr-chuiseach a bha seo gus na lochan sìos clais a' Ghlinne Mhòir a cheangal ach an seòladh soithichean tromhpa.
'S e aon duilgheadas a bh' aig seo gun do dh'adhbharaich am pròiseact tòrr tuileachaidh san sgìre. Bha na trì lochan a chaidh an toirt a-steach dhan t-sligh'-uisge, diofraichte ann an àirde. Nuair a ràinig an canàil Loch Dabhach Phùir, 's ann a sgaoil uachdar Loch Nis a-mach eadar 9 is 10 meatairean na b' fhaide air gach taobh.
B' e fìor dhuilgheadas a bha seo do Ghleann Urchardain. 'S ann a thàinig daoine a dh'fhuireach an seo an toiseach air sgàth cho rèidh 's cho ìseal 's a bha an talamh seo ann an dùthaich le beanntan is creagan. Nuair a thogadh an canàl dh'fhàg am barrachd uisge an talamh ìseal seo buailteach air a bhith còmhdaichte le uisge. 'S e a b' adhbhar don mhap seo gus an lorgadh iad a-mach dè a' bhuaidh a bh' aig na dìleannan seo. Ged a bha sanas air a' mhap a bha ag innse mar a bha na dathan gorm is uaine air an cleachdadh gus an sealladh e diofar àirdean ann an ìre an uisge, tha an inc a bh' air air fàs bàn agus cha ghabh seo fhaicinn a-nis.
B' e pròiseact air a choimiseanadh le Riaghaltas Bhreatainn a bh' ann an Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir, agus tha dealbhadh a' mhap a' sealltainn gun robh Gàidhealtachd na h-Alba ceangailte gu daingeann a-steach ris a' chòrr de Bhreatainn. Chithear le teacsa a' mhapa seo gu robh an litreachadh Beurla cha mhòr cunbhalach sna 1840an agus ann am pàipearan oifigeil gun robh e air a chleachdadh an àite Gàidhlig. Cha mhòr nach eil a h-uile facal den teacsa dìreach mar a bhiodh e sgrìobhte an-diugh. 'S e an diofar as motha dòigh sgrìobhaidh nam facal Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha an Abhainn Coilltidh air a litreachadh 'Kyltie' an seo.
Tha e cudromach mar a chaidh Beurla a chleachdadh, air sgàth gu bheil fearann Iarla Rudh' an Òis (Seafield) air a dheilbh. Bha an dreuchd oighreachail seo air a bhith ann o na meadhan linntean agus 's ann aig na Granndaich a bha i. Bha iadsan gu làidir air taobh muinntir Hanòbhair aig àm ar-a-mach nan Seumasach agus mar a tha Beurla ga cleachdadh an seo, tha e a' sealltainn gun robh na Granndaich an ìre mhath air a dhol taobh na Beurla.
On mhap chithear gu bheil fearann faisg air an loch air ainmeachadh Fearann an Naoimh Ninnein. B' e an naomh Ninnein, no Ninneathain, Naomh Ceilteach a tha iad ag ràdh a bha a' teagasg san sgìre san 4mh linn. Chaidh eaglais a thogail air an ionad seo


IDENTIFIER: PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_003_001

|
Thig còmhla rinn air: