Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Plana Blàr Chùil Lodair

Plana Blàr Chùil Lodair

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Mòinteach Chùil Lodair / Monadh Druim Athaisidh
LINN: 1740an
SGÌRE: Inbhir Nis
SIORROMACHD/PARRAIST: INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Fraser Mackintosh (maps)
DEIT BHO THÙS: 1801
location map

Seo am blàr mu dheireadh ann am Breatainn de shabaid làimh ri làimh; cha do sheas e fiù 's uair a thìde, agus leis an sin chaidh crìoch a chur air aramach nan Seumasach agus air aramach an 1745.

Anns a' Ghiblean 1746, bha feachd nan Seumasach sgìth, acrach agus dòrainneach an dèidh dhaibh caismeachd fada gu tuath à Dàrbaidh, an dèidh stad gu math mì-chàirdeil an Glaschu agus an dèidh dhaibh fulang le dìth thaic a chaidh gealltainn dhaibh às an Fhraing. Mar a thug na Seumasaich às gu tuath agus Diùc Chumberland as an dèidh, thòisich grunn de na Gàidheil a' tarrainn às gus biadh a lorg agus theich iad dhachaigh. Ged a fhuair am Prionnsa comhairle bhon Mhorair Seòras Mòireach a theicheadh do na beanntan agus sabaid às an sin, thagh am Prionnsa Teàrlach Monadh Chùil Lodair, Monadh Druim Athaisidh mar a bha e an uairsin, airson an làrach far an seasadh iad an aghaidh feachdan an riaghaltais.

Cha robh Monadh Chùil Lodair freagarrach airson dòigh sabaid 'ionnsaigh agus geàrr' nan Gaidheal; bha e na bu fhreagarraiche do dhòighean shabaid an riaghaltais. Air oidhche a' 15mh Giblein 1746, rinn na Seumasaich caismeachd a dh' Inbhir Nàrann à Cùil Lodair 's iad an dùil ionnsaigh gun fhiosd a thoirt air feachdan Diùc Chumberland. Ach nuair a ràinig iad Inbhir Nàrann lorg iad saighdearan an riaghaltais nan dùisg agus a' dèanamh gàirdeachais air sgàth an 25mh co-là breith aig Diùc Chumberland, agus mar sin rinn na Seumasaich caismeachd deich mìle air ais a Chùil Lodair.

Nuair a chuala Diùc Chumberland gun robh na Seumasaich air a bhith a' caismeachd fad na h-oidhche chuir e roimhe a dhol gan coinneachadh aig Monadh Chùil Lodair an latha sin fhèin, 16mh Giblein.

Thug urchair armachd feachdan an riaghaltais air na Gàidheil a dhol a shabaid, ach cha robh an talamh freagarrach airson ionnsaigh nan Gàidheal. An iomadh àite chaidh stad a chur air na Gàidheil le musgaid agus le losgadh nan gunnaichean mòra mus ruigeadh iad loidhne saighdearan an riaghaltais.

Bha a h-uile càil seachad taobh a-staigh uair a thìde.

Chaidh mu 1,500 Seumasach a mharbhadh anns a' bhlàr agus as a dhèidh, nam measg daoine neochiontach a bha faisg orra agus boireannaich is clann. Choisinn seo do Dhiùca Chumberland am farainm am 'Buidsear'. Theich am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart ro dheireadh a' bhlàir agus an dèidh ùine rinn e a shlighe air ais dhan Fhraing agus dhan Ròimh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig Home, 'History of the Rebellion'



IDENTIFIER: QZP40_1061_P227

Ma tha thu airson an stuth tùsail fhaicinn, theirig gu làrach-lìn an leabharlainn airson nan uairean a tha e fosgailte. Leabharlann Inbhir Nis


Lorg a-mach tuilleadh mu Teàrlach Friseal Mac an Tòisich



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Suidheachadh Hiort

Suidheachadh Hiort

mapa a' sealltainn sgìrean Alba mu 500 AD

mapa a' sealltainn sgìrean Alba mu 500 AD

Dùn Bàn, Cromòr, Leòdhas

Dùn Bàn, Cromòr, Leòdhas

Dùn aig Loch an Dùin, Àird, & Dùn aig Barabhat, Bearnaraigh

Dùn aig Loch an Dùin, Àird, & Dùn aig Barabhat, Bearnaraigh





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village