|
'S e seo duilleag o ' 'Narrative of the Mutiny in the Black Watch in 1743, compiled by His Grace the Duke of Athole, K. T., from the original proceedings of the General Courts-Martial ?', air fhoillseachadh le Iain Christie à Peairt ann an 1893.
Chaidh Am Freiceadan Dubh a thogail leis an riaghaltas ann an 1729 mar shia companaidhean neo-eisimeileach. Chaidh an t-ainm a thoirt dhaibh air sgàth nam fèillidhean dubha, uaine is gorma aca. Bha e a' dèanamh sgaradh eadar iad fhèin is Saighdearan Dearga Arm Bhreatainn cuideachd. Ann an 1793, chaidh ceithir companaidhean eile a chur ris. Bha na companaidhean a' gabhail dhaoine o gach cinneadh, ach bha na h-oifigearan à cinnidhean Cuigseach a-mhàin. Bha iad seo a' feuchainn ri cumhachd na Pàrlamaid àrdachadh is cumhachd an Rìgh ìsleachadh.
Sa Mhàrt 1743, fhuair Am Freiceadan Dubh òrdugh a dhol a Shasainn. Bha iad a' tuigsinn nach biodh iar air an cleachdadh an taobh a-muigh na h-Alba. Chaidh fathannan tron Rèisimeid gun robhas gan cur gu Na h-Innseachan Siar. Aig an àm ud, b' e àite cunnartach a bh'ann do mhuinntir na Roinn Eòrpa agus, do Ghàidheal, cha mhòr nach robh a bhith a' dol a-null thairis cho dona ris a' bhàs fhèin.
Air oidhche an t-17mh den Chèitean, chruinnich còrr air 100 duine is thòisich iad a' meàrrsadh gu dìomhair gu tuath. Chaidh an lorg mu dheireadh air an 21mh den Chèitean ann an Lady Wood, Siorrachd Northampton, far an do ghèill iad. Chaidh 103 duine a fheuchainn airson trèigsinn is ceannairc. Chaidh a h-uile fear aca fhaighinn ciontach is binn bàis a chur orra. Chaidh peilear a chur ann an triùir dhiubh- Coirpileirean Calum is Samuel Mac a' Phearsain is Saighdear Cumanta Fearchar MacGilleSheathanaich. Chaidh an còrr a chur gu gearastain ann an Gibraltar, Minorca, Siameuca is Georgia anns na h-Eileanan Leeward. Chaidh an còrr den Fhreiceadan Dhubh a chur gu Flànras
Tha iomradh goirid mun chùirt armailteach an dèidh iomradh goirid de na thachair ron cheannairc


ÀIREAMH AITHNE: Z_QZP40_2960_P004
Ma tha thu airson an stuth tùsail fhaicinn, theirig gu làrach-lìn an leabharlainn airson nan uairean a tha e fosgailte. Leabharlann Inbhir Nis
Leugh an leabhar san Leabharlann Dhidsiotach
Tha seo ann an cruinneachadh Theàrlaich Fhriseil Mhic an Tòisich san t-Seòmar Iomraidh ann an Leabharlann Inbhir Nis.
Ma tha thu airson an stuth tùsail fhaicinn, theirig gu làrach-lìn an leabharlann airson nan uairean a tha e fosgailte.
Lorg a-mach tuilleadh mu Teàrlach Friseal Mac an Tòisich


|
Thig còmhla rinn air: