|
An ochdamh duilleag ann am prògram cuimhneachaidh Cuirm Crùnaidh is Caismeachd Càrnabhail Banrigh Sgadain Inbhir Ùige, 23 Iuchar 1938.
Tha ceithir sanasan airson ghnìomhachasan ionadail air an duilleig seo.
Tha a' chiad sanas airson Uilleam Sinclair, Ceannaiche slàn-reic mheasan, Camps, Inbhir Ùige
Tha an dàrna sanas airson William Clyne, Bùidsear, Bank Row, Inbhir Ùige
Tha an treas sanas airson Dan Dunnetts, Buth bhrògan, Àrd-shràid, Inbhir Ùige
B' e a' chiad ball de dh'fheachd nam balach ann an Inbhir Ùige a bh' ann an neach-seilbhe a' ghnìomhachais seo. 'S e athair am Maidsear Dunnett, Morair-ionaid a' Chrùin. Ghabh am Maidsear Dunnett thairis an gnìomhachas mu dheireadh. Ghluais an gnìomhachas gu àite eile air an Àrd-shràid far a bheil Hospice na Gàidhealtachd a-nis.
Tha an ceathramh sanas airsonG&J Chalmers, Grosair, Àrd-shràid, Inbhir Ùige.
Chaidh caismeachd agus taisbeanadh Banrigh an Sgadain a stèidheachadh ann an 1937 le fo-chomataidh de Chomataidh Leasachaidh Baile is Taobh Aibhne Inbhir Ùige. A rèir coltais, bha seo mar thoradh air Crùnadh Rìgh Sheòrais VI, a ghabh àite san aon bhliadhna. Dh'fheumadh co-dhiù aon phàrant a bhith aig Bhanrigh an Sgadain aig an robh ceangail ri gnìomhachas an sgadain. Bhiodh i air a taghadh air latha a crùnaidh. Ghabhadh seo àite aig Braehead. Bhiodh i an uair sin air a toirt air turas mara air bàta-iasgaich agus bhiodh bàta sam bith eile bhon chabhlach iasgaich a bha airson an leantainn a' dol a-mach còmhla riutha. Bhiodh na bàtaichean uile seo a' seòladh do bheul Bàgh Inbhir Ùige le daoine air bòrd. Bhiodh iad an uair sin a' tionndadh is a' dol air ais don chala ann an sreath iongantach. Chaidh a' Bhanrigh mu dheireadh a thaghadh ann an 1953, a' bhliadhna a thàinig iasgach an sgadain san dòigh traidiseanta gu crìch. Bidh an fhèill seo fhathast a' gabhail àite leis an ainm Banrigh a' Ghala.
Tha sinn an comain na Mna-Uas Anna Dunnett, Morair-ionaid a' Chrùin airson Ghallaibh, airson a bhith a' cuideachadh leis an fhiosrachadh seo


ÀIREAMH AITHNE: Z_QZP40_M0006292HL_008
Leugh an leabhar san Leabharlann Dhidsiotach
Ma tha thu airson an stuth tùsail fhaicinn, theirig gu làrach-lìn an leabharlainn airson nan uairean a tha e fosgailte. Leabharlann Inbhir Ùige


|
Thig còmhla rinn air: