Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd


Fiosrachadh on Chlàr Sloinntearachd mu shinnsear JLM Mitchell


Fiosrachadh on Chlàr Sloinntearachd mu shinnsear JLM Mitchell lorg nithean co-cheangailte ris

Cleachd na ceangalan gu h-ìseal gus nithean co-cheangailte ris a lorg

TABHARTAICHE: Comann Gàidhlig Inbhir Nis (duilleagan clò-sgrìobhte)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Sheriff JLM Mitchell (typed pages)

Dealbh Nas Motha

Priont an
Duilleag Seo

Cuir post-dealain
gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr


Tha an clò-bhualadh seo, on Chlàr Sloinntearachd Eadar-Nàiseanta,a' toirt fiosrachadh mu shinnsirean (dham b' ainm MacMhathain) an t-Siorraim Seumas Lachlainn Màrtainn Mitchell (1929 - 2001). Tha e na phàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis.

Bhuineadh Mitchell do dh' Inbhir Nis agus B' esan mac an lighiche ainmeil Lachlann Mitchell. An dèidh dha a bhith na iar-lioftanant anns a' Chabhlaich Rìoghail, leigeadh a-steach e gu Dàimh Luchd-tagraidh a' Chrùin . Shuidhicheadh e mar shiorraidh làn-ùine ann an Dùn Èideann ann an 1978, far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995.

Ged a bha e ag obair ann an Dùn Èideann, mhair am meas a bh' aig Mitchell air a' Ghàidhealtachd. Chuir e seachad ùine a' dol timcheall na Gaidhealtachd a' leantail cùrsa Bhoswell agus MhicIain, a' dearbh-aithneachadh làraichean a bh' air a dhol air dhìochuimhn', agus a' togail dhealbhan airson taisbeanadh a' comharrachadh an dà cheud bliadhna o na sgrìobhadh 'Journal of a Tour of The Hebrides'. Thòisich an taisbeanadh ann an Taigh na Pàrlamaid agus lean e air ann an Inbhir nis fad grunn bhliadhnaichean an dèidh làimh



ÀIREAMH AITHNE: Z_GB232_D928_C_2_07F

Ma tha thu airson an rud fhèin fhaicinn no ma tha feum agaibh air barrachd fios coimhead air làrach-lìn na Tasglainn airson uairean fosglaidh. Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd




Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Pàigheadh gabhail

Pàigheadh gabhail

Marbh-shanas dhan t-Siorram Màrtainn Mitchell

Marbh-shanas dhan t-Siorram Màrtainn Mitchell

Artaigil mu na h-òrain aig Alasdair MacGriogair, duilleag 2

Artaigil mu na h-òrain aig Alasdair MacGriogair, duilleag 2

Artaigil mu Bhàrdachd Ghàidhlig, duilleag 2

Artaigil mu Bhàrdachd Ghàidhlig, duilleag 2





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village