Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Port Rìgh, an t-Eilean Sgithanach

Port  Rìgh, an t-Eilean Sgithanach

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Port Rìgh
LINN: 2000an
SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Port Rìgh
TABHARTAICHE: Andrew Taylor
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: A Taylor
DEALBHADAIR: Andrew Taylor
DEIT BHO THÙS: 2009
location map

B'e Cille a' Ghlinne ( an caibeal aig ceann a' ghlinne) a bha air a' bhaile an toiseach. An uair a thàinig Rìgh Seumas V ann an 1540 chaidh ainm ùr a thoirt air a' bhaile - Port an Rìgh. Tha Sgeir Mhòr agus Gob Riosgaig a' toirt fasgaidh dhan chidhe. Thàinig cead bhon chrùn ann an 1580 airson fèill dà uair san t-seachdainn, agus stèidhich seo an t-àite mar phrìomh làrach malairt an eilein.

Bho 1826 bha stiomair a' tighinn a Phort Rìgh gach seachdain on Tairbeart. Bhiodh i a' stad ann an Tobar Mhoire, Eilean Iarmain agus ann an Caol Àcain. Bho 1851, bha an stiomair a bha a' dol gach seachdain eadar Glaschu is Steòrnabhagh a' tadhal. Chaidh an cidhe a thogail le Tòmas Telford san naoidheamh linn deug


Tha an dealbh seo san earrainn 'An-diugh is an-dè'



ÀIREAMH AITHNE: GB1796_1999_116_739_AT


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Bun Lòchaidh bhon rathad-iarainn

Bun Lòchaidh bhon rathad-iarainn

Bail'-iasgaich, Cromba

Bail'-iasgaich, Cromba

Beanntan A' Chuilthinn à Tarsgabhaig

Beanntan A' Chuilthinn à Tarsgabhaig

An Tràigh aig Dubhras, Loch Nis

An Tràigh aig Dubhras, Loch Nis





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village