
|
An Druim Buidhe |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1920an SGÌRE: Taobh an Iar Dheas Rois SIORRACHD/PARAISTE: ROS:Loch Aillse TABHARTAICHE: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Duncan Macpherson (photographs) DEALBHADAIR: Duncan Macpherson |
||||||||||||
|
'S e an Druim Buidhe fear dhe na h-ochd bailtean croitearachd air oighreachd Bhaile Mac Ara a tha a-nis fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba. Bha Donnchadh Mac a' Phearsain measail air a bhith a' togail dhealbhan de dhòigh-beatha na Gàidhealtachd anns an Druim Bhuidhe, Earbasaig agus Diùranais. Bha e glè thric a' foillseachadh nan dealbhan mar chairtean-puist agus gan reic sa bhùth aige ann an Caol Loch Aillse. Tha am baile fhathast a' cumail ri dòigh croitearachd an roinn-ruithe a thaobh a bhith ag atharrachadh a' bhàrr mun cuairt. Anns na 1970an, chuir croitearan an seo an aghaidh phlanaichean airson croinn ola a thogail far a' chladaich. Thug Urras Nàiseanta na h-Alba taic dha na croitearan agus cha deach le na planaichean ÀIREAMH AITHNE: HCD01240
Faodar an dealbh seo a cheannach. Faigh a-mach mun neach-togail-dhealbh - Donnchadh Mac a' Phearsain Lorg barrachd fios air Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse air duilleag Ar Com-pàirtichean |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: