
|
Carragh-cuimhne nan Gàidheal Camshronach, Inbhir Nis, 1893 |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1890an SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath TABHARTAICHE: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG) AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Joseph Cook DEIT BHO THÙS: 14 Luchar 1893 |
||||||||||||
|
Anns an dealbh seo, chithear Carragh-cuimhne nan Camshronach ann an Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Nis air 14 Iuchar 1893 goirid às dèidh don chòmhdach a bhith air a thoirt dheth le Dòmhnall Camshron, fear Loch Iall, Morair-ionaid a' Chrùin airson Siorrachd Inbhir Nis agus Ceann-cinnidh nan Camshronach. Is e Loch Iall am fear air a bheil feusag liath a tha air taobh chlì na carragh-cuimnhe. Is e saighdearan ùra agus luchd-obrach à Armlann nan Camshronach, Gearastan nan Camshronach fo smachd a' Mhàidseir JM Hunt th' anns na saighdearan ri aghaidh na deilbhe aig a bheil ite nam bonaidean. Tha am Màidsear ri fhaicinn air fìor thaobh dheas na deilbhe. Air taobh eile Cearnag an Stèisean, chithear saighdearan bhon 1d Buidheann-chatha Shaor-thoileach de na Camshronaich. Tha na h-oifigearan aca furasta aithneachadh air taobh dheas na deilbhe bho an cuid sporan de chraiceann-ghobhair geal. Tha buidhnean bho 2ra Buidheann-chatha (Mailisidh) nan Camshronach agus bho Ghunnairean Saor-thoileach na Gàidhealtachd an làthair. ÀIREAMH AITHNE: GB1796_1999_116_042
Faodar an dealbh seo a cheannach. Lorg barrachd fios air cruinniche nan dealbh-camara - Joseph Cook |
|||||||||||||
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: