Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Inntrinn Caisteal Dhùn Bheagan

Inntrinn Caisteal Dhùn Bheagan

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Dùn Bheagan
LINN: 20l
SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Diùirinis
TABHARTAICHE: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: M E M Donaldson
DEALBHADAIR: M E M Donaldson
location map

Tha dùil gum buin pàirt de Chaisteal Dhùn Bheagan dhan 9mh linn ach chaidh a leasachadh anns gach linn o ghabh Clann IcLeòid thairis an caisteal anns na 1200an. Tha an caisteal 22 mhìle an iar air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach air cladach Loch Dhùn Bheagan. Tha Clann IcLeòid air a bhith ann an Dùn Bheagan faisg air ochd ceud bliadhna ach a-mhàin airson greiseag an dèidh gaiseadh a' bhuntàta. Rinn an ceann-cinnidh a th' ann an-dràsta còmhstri nuair a dh'fheuch ris A' Chuiltheann a reic airson airgead fhaotainn a phàigheadh airson an caisteal a chàradh. Cha do cheannaich duine e.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban


Tha an dealbh seo san earrainn 'An-diugh is an-dè'



ÀIREAMH AITHNE: GB1796_859_20_0130

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highlifehighland.com


Faigh a-mach mun neach-togail-dhealbh - Mary Ethel Muir Donaldson



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Ann an Gleann Srath Fharrair

Ann an Gleann Srath Fharrair

Taigh-solais Aird nam Murchan

Taigh-solais Aird nam Murchan

Beinn na Seilg

Beinn na Seilg

Baile Ghleann Comhann

Baile Ghleann Comhann





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village