
|
Sailleadh sgadan am Malaig |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1920an SGÌRE: Loch Abar SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Gleann Eilg TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Postcards |
||||||||||||
|
Tha a' chairt seo a' sealltainn sgadain gan sailleadh ann am Malaig an Loch Abar. Bha saothair nam boireannach riatanach do ghnìomhachas an iasgaich ann an Alba. Bhiodh luchd-obrach air am fastadh tron t-sèasan, gus na sgadain a chutadh, an sailleadh agus an cur ann am barailltean. Aon uair 's gun tigeadh na h-èisg air tìr bhathar gan toirt do dh'amair. An dèidh an cutadh, bhithte a' toirt an èisg dhan ionad-saillidh, far am bithte gan cur ann am barrailltean mòra, anns an robh gach filleadh dhen iasg air a chòmhdach le salann-mara ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_0158 |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: