|
Tha Clach Chumberland na laighe dhan taobh an ear air Bothan Lianach air Mòinteach Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis. 'S e ulpag mhòr uabhasach a th' innte a tha ceangailte ri Diùc Chumberland. Tha e air aithris gun do stiùir e feachdan Hanòbhair o mhullach na cloiche rè Blàr Chùil Lodair. Ged-ta, a chionn 's gu robh e air muin eich eadar loidhnichean a h-aon 's a dhà am meadhan na sabaid, 's dòcha nach eil an sgeulachd seo fìor. Chaidh an dealbh seo den chloich a thogail sa chiad leth den 20mh linn.
Chaidh Cath Chùil Lodair a chur air an 16mh Giblein 1746 eadar luchd-taic Seumasach a' Phrionnsa Theàrlaich Eideard Stiùbhairt agus arm an Rìgh Hanòbharach Seòras II. 'S e ceann cùise de chogadh a bh' ann mu chreideamhan cràbhach agus poilitigeach a bha air cinneadh agus dùthaich a roinn. 'S e cho mì-riaraichte 's a bha daoine leis an dòigh riaghlaidh aig an Rìgh Caitligeach Seumas VII Alba agus II Shasainn a dh'fhàg cuireadh a' dol gu Uilleam Orains gus strì airson na rìgh-chathair agus a dh'fhàg Seumas a' teicheadh às don Fhraing. 'S e ar-a-mach nan Seumasach an 1745-46 ( am ' Forty-Five') an tè mu dheireadh de ghrùnn oidhirpean neo-bhuannachail gus teaghlach aosda nan Stiùbhartach a chur air ais air an rìgh-chathair.
Chaidh bratach nan Seumasach a thogail air an 19mh Lunasdail 1745 aig Gleann Fhionghain agus Teàrlach Eideard Stiùbhart air èigheachd na leas-rìgh agus athair na Rìgh Seumas VIII agus III. Thòisich an t-arm aige a' meàrrsadh gu ruig Lunnainn ach cha d'fhuair e na bha dùil de thaice ann an Sasainn. Chuir iad romhpa tilleadh don Ghàidhealtachd. Bha arm fo Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, a bha na mhac as òige aig Rìgh Seòras II, gan ruith. Thàinig an dà arm an aghaidh a chèile air Mòinteach Dhruim Athaisidh (no Cùil Lodair mar a bha e an uairsin).
Bha an t-arm Seumasach na bu lugha ann an àireamh, air an droch uidheamachadh agus gann de dh'armachd-losgaidh agus de dh'eachraidh. Bha iad air meàrrsadh fad na h-oidhche roimhe air plòigh neo-shoirbheachail agus bha an t-acras orra (chaidh am biadh fhàgail an Inbhir Nis). A bharrachd air sin bha am fearann freagarrach don eachraidh agus do na gunnaichean mòra aig Cumberland agus gu tur mì-fhreagarrach don dòigh-cogaidh as fheàrr aig na Seumasaich - an ionnsaigh. Chaidh ruaig a chur air na Seumasaich taobh a-staigh uair a thìde.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban


ÀIREAMH AITHNE: GB1796_859_20_0083
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highlifehighland.com
Faigh a-mach mun neach-togail-dhealbh - Mary Ethel Muir Donaldson

|
Thig còmhla rinn air: