Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Càrn agus tursachan, Ceann an Tràgh, Earra-Ghàidheal

Càrn agus tursachan, Ceann an Tràgh, Earra-Ghàidheal

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Ceann na Tràgha
LINN: 20l
SGÌRE: Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARAISTE: EARRA-GHÀIDHEAL:Creiginis
TABHARTAICHE: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: M E M Donaldson
DEALBHADAIR: M E M Donaldson
location map

Tha Ceann an Tràgh na laighe aig beul a' Bhealaich Mhòir, aig ceann Loch Creag an Nis air cost Meadhan Earra-Ghàidheil. Tha dà chàrn ann, tùrsachan agus seòrsa de phàirc aig Ceann an Tràgh, mu 200m an ear-dheas air taigh-tuathanais Ceann an Tràgh. Tha sealladh eireachdail sìos an loch bhon àite seo. Thuit an tursa anns a' gheamhradh 1978 agus chaidh a togail a-rithist gu taobh beagan eadar-dhealaichte. Tha an dealbh seo bhon a' chiad phàirt den fhicheadamh linn mus do thuit an tursa, agus chaidh a togail le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.



ÀIREAMH AITHNE: GB1796_859_20_0795

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highlifehighland.com


Faigh a-mach mun neach-togail-dhealbh - Mary Ethel Muir Donaldson



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Ann an Gleann Srath Fharrair

Ann an Gleann Srath Fharrair

Dol fodha na grèine aig Sanna, Àird nam Murchan

Dol fodha na grèine aig Sanna, Àird nam Murchan

Coilleagan ann am Bàgh Shanna, Àird nam Murchan

Coilleagan ann am Bàgh Shanna, Àird nam Murchan

Caisteal Dhùn Ollaigh, An t-Òban

Caisteal Dhùn Ollaigh, An t-Òban





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village