Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Altair, Uamh Cholm Chille, Cnapadal

Altair, Uamh Cholm Chille, Cnapadal

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Ealaraidh
LINN: 20l
SGÌRE: Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARAISTE: EARRA-GHÀIDHEAL:Cnapadal a Deas
TABHARTAICHE: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: M E M Donaldson
DEALBHADAIR: M E M Donaldson
location map

A rèir beul-aithris thàinig Colm Cille a Chnapadal air a shlighe gu Dùn Àthad agus Ì. Air cladach Loch Chaolasport eadar An Uaghaidh agus Ealaraidh, tha tobhta Teampull Cholm Chille le Uamh Cholm Chille gu math faisg. Chaidh an dealbh seo de thaigh agus seada a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Chithear altair cloiche air palla air an taobh sear dhen uamh. Tha croisean Criosdail air an snaidheadh os cionn na h-altarach.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban



ÀIREAMH AITHNE: GB1796_859_20_0425

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highlifehighland.com


Faigh a-mach mun neach-togail-dhealbh - Mary Ethel Muir Donaldson



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Dùn Trodan, Gleann Beag

Dùn Trodan, Gleann Beag

Caisteal Mhiogharraidh

Caisteal Mhiogharraidh

Taigh-tughaidh agus Crodh Gàidhealach, An t-Eilean Sgitheanach

Taigh-tughaidh agus Crodh Gàidhealach, An t-Eilean Sgitheanach

Loch Mudle, Aird nam Murchan

Loch Mudle, Aird nam Murchan





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village