Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd


Uaighean nam Fineachan, Mòinteach Chùil Lodair


Uaighean nam Fineachan, Mòinteach Chùil Lodair lorg nithean co-cheangailte ris

Cleachd na ceangalan gu h-ìseal gus nithean co-cheangailte ris a lorg

AINM-ÀITE: Mòinteach Chùil Lodair
SGÌRE: Inbhir Nis
SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Postcards
location map

Dealbh Nas Motha

Priont an
duilleag seo

Cuir post-dealain
gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr


Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Uaighean nam Fineachan air Raon Chùil Lodair. Tha clachan-cuimhne a' comharrachadh uaighean nan diofar fhineachan a shabaid còmhla ri Teàrlach Eideard Stiùbhart ann an 1746 sgapte air feadh a' bhlàr. Cuideachd tha càrn-cuimhne a tha fichead troigh a dh'àirde ann a chaidh a thogail le Donnchadh Foirbeis, Chùil Lodair ann an 1881 leis an sgrìobhadh seo air:

'The Battle of Culloden was fought on this moor 16th April, 1746. The graves of the Gallant Highlanders who fought for Scotland and Prince Charlie are marked by the names of their clans'.

Chaidh na h-Uaighean, an Càrn-cuimhne agus Stàballan an Rìgh a thoirt do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba le Eachann Foirbeis Chùil Lodair ann an 1944.

B' e Blàr Chùil Lodair a bha am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn a bha làimh ri làimh. Chaidh a chur air an 16mh den Ghiblean 1746 nuair a chaidh ruaig a chur air an arm Seumasaich fo Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart leis an arm Hanobharach aig Rìgh Sheòrais II fo stiùireadh an Diùc Chumberland. Chuir am blàr crioch air dòchasan nan Seumasach gus na Stiùbhartaich a chur air ais air cathair-rìoghail Bhreatainn



ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_2727


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Taigh-òsta na Machrach, Brùra

Taigh-òsta na Machrach, Brùra

Eaglais na h-Abaid, Manachainn Rois

Eaglais na h-Abaid, Manachainn Rois

Abhainn Iùbh agus Drochaid, Poll Iùbh

Abhainn Iùbh agus Drochaid, Poll Iùbh

Loch Dubhthaich agus Loch Aillse bhon An Dòrnaidh

Loch Dubhthaich agus Loch Aillse bhon An Dòrnaidh





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village