
|
Loch Sgabhaig, Gars-Bheinn agus bonn Loch Coir' Uisg', An t-Eilean Sgitheanach |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1920an; 1930an SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:An Srath TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Postcards |
||||||||||||
|
Chan eil an sealladh annasach seo o na leathadan os cionn Loch Coir' Uisg' a' sealltainn mòran dhen loch fhèin. An àite sin, tha an camara a' coimhead chun an iar-dheas gu Loch Sgabhaig, seachad air an Eilean Reamhar agus Rubh' a' Gheodha Bhuidhe. Chithear Eilean Shòdhaigh aig a' chùl, le Rùm dìreach ri fhaicinn air fàire air an taobh chlì. Tha luchd-turais nach urrainn air neo nach eil deònach a' chuairt fhada gu Coir ' Uisg' a choiseachd air an toirt tarsainn Loch Sgabhaig ann am bàta à Ealaghol gu àite a tha mu chairteal a mhìle o Choir' Uisg'. Chithear Abhainn Sgabhaig a' falbh à ceann a deas Loch Coir' Uisg agus a' dol tarsainn nan creagan crìonte air an rathad chun na mara ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_2305 |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: