
|
Blàth Bheinn às an Òrd, An t-Eilean Sgitheanach |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1940an SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Slèite TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Postcards |
||||||||||||
|
Chaidh an dealbh seo a thogail às an Òrd air taobh an iar leth-eilean Slèite air an Eilean Sgitheanach. 'S e rathad lùbach cumhang agus singilte a th' ann ach 's fhiach a ghabhail le sealladh aibhiseach Druim a' Chuilthionn ri fhaicinn. Tha coille bhreagha faisg air Òrd a thathar eòlach air mar seann làrach daraich Draoidheach agus tha craobhan uinnseann, beithe, sirist agus uath uile a' fàs ann a-nis. Tha an aon sealladh aibhiseach seo aig an àite craobhach faisg air clachanan Tarsgabhaig, Tòcabhaig agus An t-Òrd air cladaichean Loch Eiseort le Blàth Bheinn aig a chridhe. Chuir Alexander Mac a' Ghobhainn seachad tìde ann an Òrd a' cruinneachadh stuth airson an leabhair aige Summer in Skye agus cha bhitheadh e na iongnadh ged a bhitheadh e air sòlas agus brosnachadh fhaighinn bho na seallaidhean mun cuairt air ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_2583 |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: