
|
Connain, Ùige anns an Eilean Sgitheanach |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1940an SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Snìothasort TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Postcards |
||||||||||||
|
Tha a' chairt seo a' sealltainn cuid dhe na coilltean agus am fearann àiteachais mu thimcheall Bàgh Ùige ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Ann an 1877, thàinig dìle throm gu h-obann a dh'adhbharaich gun do dh'èirich ìre Aibhnean Chonnain agus Ratha gu luath, agus gun do sguab an tuil a thàinig a-nuas taobh na beinne taigh a' bhàillidh agus an cladh dhan mhuir. An dèidh na tuil seo, chaidh craobhan a chur gus coltas a' bhaile ath-nuadhachadh. Air an làimh dheis dhen dealbh chithear an rathad caol gu Gleann Connain, o bheil sealladh àlainn dhen bhaile agus dhen bhàgh
ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_2611 |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: