Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Teàrlach Friseal Mac an Tòisich

Teàrlach Friseal Mac an Tòisich

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

TABHARTAICHE: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Joseph Cook

Rugadh Teàrlach Friseal Mac an Tòisich ann an Dabhach Gairbheach faisg air Inbhir Nis, ann an 1828. Aig aois 14, thagh e dreuchd san lagh agus thug e seachd bliadhna ag obair do dh' Iain MacAoidh ann an Inbhir Nis. Ann an 1849, chuir e roimhe lagh a dhèanamh ann an Oilthigh Dhùn Eideann, agus aig aois 25, thòisich e air gnothachas dha fhèin ann an Inbhir Nis. Bha e na fhear-cuideachaidh aig Clèireach na Cùrtach agus ann an 1853 bha e na Fhear-casaid. Ghabh e ùidh ann am poileataics, agus ann an 1857 chaidh a thaghadh mar Chomharlaiche Baile ann an Inbhir Nis.

Thuig e agus a chompanaich Dòmhnall MacDhaibhidh, Ùisdean Ròs agus Seòras Grannd MacAoidh, gum biodh cothrom leis an rathad-iarainn airson meudachadh agus soirbheachadh ann an Inbhir Nis. Bha sgeama aca a leagail na seann togalaichean eadar an Stèisean Rathad-Iarainn agus Sràid na h-Eaglaise, agus thòisich an obair air Sràid an Aonaidh. Thàinig an t-sràid gu buil ann an 1864. Cheannaich Friseal Mac an Tòisich Oighreachd Druiminn agus fearann ann an coimhearsnachd Baile na Faire cuideachd agus leasaich e iad.

Ann an 1874, chaidh a thaghadh na Bhall Pàrlamaid do dh'Inbhir Nis. Chuir e air adhart liosta ath-leasachaidhean reachdail a' toirt taic do adhbhar na tuatha Ghàidhealach.

Leig e dhe a dhreuch bho phoileataics ann an 1892, agus chuir e seachad a' chòrr de bheatha a rannsachadh ann an eachdraidh agus litreachas. Chaochail e ann am Bournemouth ann an 1901, agus an dèidh bàs a mhnà ann an 1920, fhuair Leabharlann Phoblach Inbhir Nis tabhartas de a chruinneachadh mhòr leabhraichean air eachdraidh agus cùltar na Gaidhealtachd



ÀIREAMH AITHNE: GB1796_1999_116_25_IV

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highlifehighland.com


Lorg barrachd fios air cruinniche nan dealbh-camara - Joseph Cook



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Làmhachas Saor-thoileach Inbhir Nis, 1881

Làmhachas Saor-thoileach Inbhir Nis, 1881

Morair Raibearts agus a chuideachd aig Cloich Cumberland, Mointeach Chùil Lodair

Morair Raibearts agus a chuideachd aig Cloich Cumberland, Mointeach Chùil Lodair

Dithis dhaoine-uasal a' còmhradh ann an Àrd Shràid Inbhir Nis

Dithis dhaoine-uasal a' còmhradh ann an Àrd Shràid Inbhir Nis

Drochaid chrochaidh Inbhir Nis

Drochaid chrochaidh Inbhir Nis





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village