|
Luchd-curlaidh a' gabhail pàirt ann am bonspiel ionadail. Chan eil fhios càit a bheil e.
Thuirteadh gur ann an Alba san t-16mh linn a thòisich curladh. Rinneadh riaghailtean an latha an-diugh am meadhan an 19mh linn, ceathrar san sgioba, gach fear dhiubh a' tilgeil dà chloich. An toiseach chluicheadh e a-muigh air lochan nàdarra agus linneachan air an togail gu sònraichte, ach bhon chiad gheama a-staigh ann an Glaschu ann an 1907, is ainneamh a chluicheadh an geama a-muigh.
Is e co-fharpais curlaidh a th'ann am Bonspiel air 2-3 latha aig deireadh seachdain. Tha bonspiel a' toirt cothrom math air fealla-dhà, coinneachadh ri luchd curlaidh eile, ithe is òl. Tha e coltach ri picnic, ach sa Gheamhradh an àite as t-Samhradh.
Is e 'Am Bonspiel' no 'Maids Mòr' co-fharpais mhòr eadar Tuath agus Deas air Loch Teàdhaich ann an Siorrachd Pheairt. Bu chòir 7 òirlich de thiughad a bhith san deigh mus tèid e air adhart. Mar seo, cha do chluicheadh am 'Maids Mòr' ach 33 uairean sna 150 bliadhna mu dheireadh agus 3 uairean bho 1945


ÀIREAMH AITHNE: GB1796_1999_116_VII_7001
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highland.gov.uk
Lorg barrachd fios air cruinniche nan dealbh-camara - Joseph Cook

|
Thig còmhla rinn air: