|
Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 99 'Glentromie'. Chaidh a h-ath-àireamhachadh trì turais le Rèile na Gàidhealtachd: gu 99A san Iuchar 1919; air ais gu 99 san t-Sultain 1919; agus mu dheireadh air ais gu 99A san Lùnastal 1922. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis agus a reic ann an 1923


ÀIREAMH AITHNE: PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_385

|
Thig còmhla rinn air: