Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

LMS 14422 'Ben a' Chaoruinn'

LMS 14422 'Ben a' Chaoruinn'

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

TABHARTAICHE: Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.

San dealbh-chamara seo chithear LMS 14422 'Ben a'Chaoruinn' (HR 62 roimhe). Chaidh a tharraing à seirbheis sa Mhàrt 1937. Bha ainm air a litreachadh 'Ben a' Chaoruinn' agus 'Ben Achaoruinn' roimhe.



ÀIREAMH AITHNE: PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_425


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



HR 146 ' 'Skibo Castle'

HR 146 ' 'Skibo Castle'

BR 55051 aig stèisean A' Mhùind, An Giblean 1951

BR 55051 aig stèisean A' Mhùind, An Giblean 1951

LMS 14410 'Ben Dearg' aig seada ann am Baile Cheith

LMS 14410 'Ben Dearg' aig seada ann am Baile Cheith

LMS 14408 'Ben Hope', Inbhir Nis, Sultain 1937

LMS 14408 'Ben Hope', Inbhir Nis, Sultain 1937





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village