Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Sràid nam Manach, Inbhir Nis

Sràid nam Manach, Inbhir Nis

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Inbhir Nis
SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath
TABHARTAICHE: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Joseph Cook
location map

Sràid nam Manach ann an Inbhir Nis, agus tùr na Seann Àrd-eaglaise air a chùlaibh. Tha Sràid nam Manach ann an sgìre Inbhir Nis ris an canar am Maggot. B'e eilean beag a bh'anns a' Mhaggot an toiseach agus tha an t-ainm a' tighinn bho eaglais bhig no caibeal an Naoimh Mairead a bha air a suidheachadh eadar Ionad Waterloo, Sràid na Glìob agus Abhainn Nis.

Tha cladh nam Manach Dubha air Sràid nam Manach fhathast. Chaidh a' Mhanachainn Dhominicanach a stèidheachadh mu 1233, le Rìgh Alasdair II. B'ann le na manaich a bha a' mhòr-chuid de mhaoin sa bhaile, na mheasg am Maggot, agus am poll iasgaich aig Friars Shott agus na Shiplands. Ann an 1372, thug fir Aba Obair-bhrothaig ionnsaigh air a' mhanachainn agus gu ruig 1436, cha mhòr nach robh na togalaichean nan tobhtaichean. Ann an 1550, cha robh ach còignear mhanach sa mhanachainn, agus ann an 1554 chaidh òrdugh a thoirt do Àrd-mhanach, Raibeart Niche, maoin, màl agus togalach na manachainn air fad a thoirt do Phròbhaist Seòras Cuthbert agus Comhairle a' Bhaile. Trì bliadhna deug an dèidh sin, chaidh a' Mhanachainn o fheum. Ann an 1653, reiceadh stuthan-togail na Manachainn ri Coirneal Lilburn, Comanndair Arm Chromwell, gus an togadh iad an Gearastan (Citadel)

Tha an t-Seann Àrd-eaglais air Sliabh Naomh Mhìcheil bho uaireigin ro 1171. Tha iad a'smaoineachadh gur e anTùr-Cluig an Iar a' chuid as sine de dh'eaglais nam meadhan linntean, a mhair bhon 15mh no 16mh linn. 'S ann bhon t-17mh linn a tha mullach an tùir a thogadh far an robh stìoball agus mullach nam meadhan linntean. Tha barrabhalla corbalta aige agus stìoball air a chòmhdachadh le copar. Tha na clachan corbalta fhathast taobh a-staigh an taigh-cluig. Tha gleoc le ceithir aghaidhean air an tùr, agus chaidh an clag a bhualadh aig 8 uairean cha mhòr a h-uile feasgar bho 1720, ach aig àm an Dàrna Cogaidh.



ÀIREAMH AITHNE: GB1796_1999_116_X_7

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu:
photographic.archive@highlifehighland.com


Lorg barrachd fios air cruinniche nan dealbh-camara - Joseph Cook



Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Ceithir eich air aon srèin a'dol seachad air carragh cuimhne Chiùl Lodair

Ceithir eich air aon srèin a'dol seachad air carragh cuimhne Chiùl Lodair

Stìopallan Seann Ard-eaglais Inbhirnis agus na h-Eaglaise Saoire mar a chithear iad bho Chùirt nam Manach

Stìopallan Seann Ard-eaglais Inbhirnis agus na h-Eaglaise Saoire mar a chithear iad bho Chùirt nam Manach

Campa Shaor-dhìonadairean aig Cùil-lodair san Ogmhios 1871

Campa Shaor-dhìonadairean aig Cùil-lodair san Ogmhios 1871

Seo an t-slighe a-steach air cùlaibh Caisteal Dhùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach

Seo an t-slighe a-steach air cùlaibh Caisteal Dhùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village