Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd


Slighe nan Eilean


Slighe nan Eilean

lorg nithean co-cheangailte ris

Cleachd na ceangalan gu h-ìseal gus nithean co-cheangailte ris a lorg

LINN: 1940an
TABHARTAICHE: Danny Ross
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: 16mm Silent Films
DEALBHADAIR: John C. Elder (director)
DEIT BHO THÙS: 1944

Coimhead a' Bhidio seo

Priont an
duilleag seo

Cuir post-dealain
gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr


Rinneadh am fiolm goirid neo-fhuaimneach seo anns na 1940an do chompanaidh nan aiseag is nam busaichean Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn Earrannta. Tha am fiolm seo, a tha gun fhuaim, ag amas air costa an iar agus eileanan Alba a thoirt gu aire dhaoine a dh'fhaodadh tighinn mar luchd-turais.

Tha sinn air a chur ann an cruth àireamhail on roth 16mm a bh' ann o thùs, agus tha e nochdadh an seo ann an trì earrannan.

Tha a' chiad earrann a' tòiseachadh le teagsa a' brosnachadh an neach-coimhead gus teicheadh o ùpraid na beatha làitheil. Tha e an uairsin a' dol gu sealladh de luchd-siubhail a' dol air an aiseag "Columba" an Guireag. Chì sinn seallaidhean dhen aiseag a' dol tarsainn a' chaolais gu Dùn Omhainn, seachad air Rubha Thollaird le thaigh-solais agus air adhart gu Baile Bhòid. Tha a' chuairt a' leanntainn seachad air Caol an t-Snàimh air iomall Caolas Bhòid agus Maighdeannan Bhòid (creagan peante, air taobh an iar-thuath an eilein).

Tha an dara earrann a' tòiseachadh leis an aiseag a' tighinn gu Taigh na Bruaich mus tèid i tarsainn Loch Fìn gu Cinntìre. Tha an ath dhealbh a' sealltainn fear-ealain a' peantadh dealbh an Tairbeart Loch Fìn. Gus faighinn gu Ìle dh'fheumadh an luchd-siubhail a dhol air bus eadar Tairbeart Loch Fìn agus Loch Tairbeart an Iar gus a dhol air bàt'-aiseig eile a bheireadh iad gu Port Ilein. Tha an dara earrann a' criochnachadh leis a' bhàta a' tighinn faisg air Ìle.

Bhiodh an luchd-siubhail an uairsin a' fàgail Port Ilein air fear de bhusaichean Mhic a' Bhriuthainn gus cuairt a ghabhail mun eilean, a' dol gu baile beag Bogha Mòr le eaglais chruinn ainmeil, agus raon-goilf Machraich am measg àiteachan eile.


ÀIREAMH AITHNE: PC_ROSS_ROADTOTHE ISLES_01



Cuimhnich gur e dealbh Flash a tha seo. Feumaidh tu plugan dhan bhrobhsair a bheir taic do dhreach 8 air a' char as tràithe. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo.


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Cuairt mu Chosta an Iar Alba, agus na h-Eileanan an Iar ann an 1944 (earrann3)

Cuairt mu Chosta an Iar Alba, agus na h-Eileanan an Iar ann an 1944 (earrann3)

Cuairt mu Chosta an Iar Alba, agus na h-Eileanan an Iar ann an 1944 (earrann1)

Cuairt mu Chosta an Iar Alba, agus na h-Eileanan an Iar ann an 1944 (earrann1)

Cuairt mu Chosta an Iar Alba, agus na h-Eileanan an Iar ann an 1944 (earrann2)

Cuairt mu Chosta an Iar Alba, agus na h-Eileanan an Iar ann an 1944 (earrann2)

Slighe nan Eilean

Slighe nan Eilean





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village