Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Geàrr-chunntas Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - Duilleag 194

Geàrr-chunntas Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - Duilleag 194

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Dòrnach
LINN: 1890an
SIORRAMACHD/PARRAIST: CATAIBH:Dòrnach
TABHARTAICHE: Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd (stuth làmh-sgrìobhte)
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Dornoch Burgh Records
DEIT BHO THÙS: 16 Am Faoilleach 1890
location map

Lorgar sa chruinneachadh seo geàrr-chunntasan bho thasglann Comhairle Baile Dhòrnaich eadar 1730-1919. Tha na geàrr-chunntasan a' toirt dhuinn sheallaidhean inntinneach air leasachaidhean a thaobh na comhairle agus Dhòrnaich fhèin tron linn seo. Gheibhear fiosrachadh nas mionaidiche air na tha anns a' chruinneachadh seo san teacsa an cois duilleag 1.

Is i seo an ceathramh duilleag bho gheàrr-chunntas na Comhairle bho 16 Faoilleach 1890.

Tha an geàrr-chunntas a' tòiseachadh le aithris gu bheil fear de chomhairlichean a' Bhaile, Iain Leslie, air a dhreuchd a leigeil dheth.

Chaidh a' Chomhairle air adhart le fear Bailie Alasdair Gunn an uair sin air a a thaghadh mar Chomhairliche Siorrachd, leis a' Chomhairliche Iain MacBheatha air a a thaghadh mar riochdaire air Comataidh na Sgìre.

Rinn a' choinneamh an uair sin beachdachadh air gnothach mu choinneamh pàigheadh airson clàradh luchd-bhòtaidh a' Bhaile, agus cosgaisean a thaobh thaghaidhean a' bhaile an 1888-89 is 1889-90.

Tha an geàrr-chunntas cuideachd ag aithris gun deach Coimiseanair agus Maor-chìsean a thaghadh le Maighstirean-lagha is Comhairle a' Bhaile mar riochdairean a' Bhuirgh aig Co-chruinneachadh Bhorgh Rìoghail is Pàrlamaideach na h-Alba, a bha a' coinneachadh an Dùn Èideann air 1 Giblean 1890. Chaidh òrdugh a thoirt don Choimiseanair is don Mhaor-chìsean taic a chumail ri molaidhean sam bith airson fèin-riaghladh na h-Alba.

Aig a' choinneimh seo, fhuair an t-Ionmhasair òrdugh màl is fiachan fhaighinn bhon Chlub Ghoilf, agus cuideachd bhon Chompanaidh Shaor-thoileach mu choinneamh cleachdadh an raoin-losgaidh.

Thàinig an geàrr-chunntas gu ceann le aithris gun robh dùil aig Bailie Gunn cur an aghaidh Comhairle Baile Dhubhthaich agus iad airson is gun deigheadh cùirtean-lagha Chataibh a ghluasad a Bhaile Dhubhthaich



ÀIREAMH AITHNE: Z_GB232_BD_1_1_7_007

Ma tha thu airson an rud fhèin fhaicinn no ma tha feum agaibh air barrachd fios coimhead air làrach-lìn na Tasglainn airson uairean fosglaidh. Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd



Nithean eile sa chruinneachadh seo...

Geàrr-chunntasan Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - Dg 114

Geàrr-chunntasan Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - Dg 114

Geàrr-chunntasan Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - duilleag 241

Geàrr-chunntasan Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - duilleag 241

Geàrr-chunntas Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - Duilleag 208

Geàrr-chunntas Comhairle Baile Dhòrnaich 1730-1919 - Duilleag 208

Clàran Comhairle Baile Dhòrnach: 1730-1919 - taobh-duilleig 94

Clàran Comhairle Baile Dhòrnach: 1730-1919 - taobh-duilleig 94



 

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village