Margaret Bennett (1946- )
Thogadh an Dtr Mairead Bennett air an Eilean Sgitheanach, ann an Leòdhas agus ann an Sealtainn. Rinn i às-imrich a Chanada ann an 1967 mar oileanach iar-cheumnach ann an Dualchas aig Oilthigh Cuimhneachail Newfoundland. Ann an 1975 's i an Neach-dualchais aig Pròiseact Quebec-Innse Ghall aig Taigh-tasgaidh a' Civilisation, a' tilleadh a dh'Alba ann an 1976. Bho 1984 bha i na h-òraidiche aig Oilthigh Dhùin Èidinn, a' clàradh eachdraidh air aithris agus traidiseanan Albannach aig an taigh agus thall thairis.
Tha i a-nis pàirt-ùine aig Acadamaidh Rìoghail Alba de Cheòl is Dràma agus am measg a leabhraichean tha 'Scottish Customs from the Cradle to the Grave' (1992) agus dà sgrùdadh, a choisinn duaisean, air traidiseanan an luchd-às-imrich, 'The Last Stronghold: Scottish Gaelic Traditions in Newfoundland' (1989) agus 'Oatmeal and the Catechism: Scottish Gaelic Settlers in Quebec' (1999).
Tha i air a bhith ann an grunnan chlàran CD, tha i air seinn aig fèisean eadar-nàiseanta agus air cur ri grunnan riochdachaidhean thaigh-cluiche. Ann an 1998 fhuair i Duais a' 'Master Music Maker' a' comharrachadh fad beatha de dh'obair-chiùil agus theagaisg, agus ann an 2003, fhuair i Duais Eadar-nàiseanta nam Boireannaich Ceilteach airson 'lifelong service to Scottish Culture'. Airson An Tilleadh Albannach 2009 dh'fhoillsich i leabhar le CD dùbailte de dh'òrain a' sgaoileadh thar trì linntean, 'Dìleab Ailean - A Newfoundland Homecoming Cèilidh' (Grace Note Publications).
Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal.





Thig còmhla rinn air: