Luchd-eachdraidh
LUCHD-EACHDRAIDH
Dùin uinneag
Osgood Mackenzie (1842-1922)
Osgood Mackenzie (1842-1922)

B' e mac dhan uachdaran Ghàidhealach, Sir Francis Mackenzie, 5mh iar-bharan Gheàrrloch, a bh' ann an Osgood Mackenzie. Tha e ainmeil oir 's e a chruthaich Gàrraidhean Inbhir Iùbh agus 's e an t-ùghdar aig 'A hundred years in the Highlands'. Rugadh e sa Bhreatainn Bhig ann an 1842, àite Ceilteach air an robh Sruth a' Chamais a' bualadh, agus choltaich e e ri cost an iar na h-Alba.

Tha pàirt de 'A hundred years in the Highlands' na chuimhneachan teaghlaich, a' sealltainn beatha nan uachdaran Gàidhealach, agus tha taobh eile dheth a tha na dhealbh de bheul-aithris is de dhualchas na Gàidhealtachd.

Ann an 1862 fhuair Osgood Inbhir Iùbh mar oighreachd. 'S e rubha maol, fosgailte a bh' ann agus cha robh air ach aon chraobh. Gus an do bhàsaich e ann an 1922 rinn e tòrr spàirn agus chuir e mach tòrr airgid gus an tionndaidheadh e an t-àite bochd seo gu bhith na lios ainmeil, far an robh iomadh lus annasach a' fàs a thàinig o thìrean cèin cho fad air falbh ris na Himalayas. An dèidh bàs Osgood, lean an obair sa Ghàrradh agus ann an 1952 chaidh Lios Inbhir Iùbh an toirt seachad do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba.

Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal.

 Tar-sgrìobhadh Slàn
 Ceangal buntainneach
Cuir a-steach beachd
shadow