Bàird
BÀIRD
Deòrsa Mac Iain Deòrsa (1915-1984)
Deòrsa Mac Iain Deòrsa (1915-1984)
dash

Rugadh Deòrsa Mac Iain Deòrsa ann an Elderslie, siorrachd Rinn-Friù, ann an 1815, an t-aona mhac aig an Urr. Iain MacDhùghaill Hay, a bha na mhinisteir an sin agus na ùghdar air an nobhail chliùiteach on Tairbeart san 19mh linn, 'Gillespie'. An dèidh bàs athar ann an 1919, chaidh Seòras agus a phiuthar, Sheena, an toirt don Tairbeart lem màthair, Catriona Chaimbeul. Ged a fhuair e fhoghlam aig Colaiste Fettes an Dùn Èideann agus a-rithist aig Oilthigh Oxford, chaidh làithean saora Sheòrais a chur seachad san Tairbeart far an do thog e na bhalach ùidh a sheasadh fad a bheatha ann an cultar na coimhearsnachd bheag iasgaich ri taobh Loch Fìn.

'S ann san Tairbeart cuideachd a thòisich e ag ionnsachadh na Gàidhlig on ghinealach mu dheireadh de luchd fileanta an sin, agus chaidh mòran de a bhàrdachd a bhrosnachadh leis na cuairtean gu muir a rinn e còmhla ri iasgairean-sgadain na sgìre agus le bhith a' coiseachd na aonar sna cnuic timcheall air Loch Rodhaig.

Bha e na shàr Nàiseantachd Albannach agus mar sin bha e an aghaidh an Dàrna Cogaidh. Thug sin air a dhol am falach am measg bheanntan Earra-Ghàidheil gus an deach a ghlacadh. An dèidh greis sa phrìosan, ghabh e ris agus chaidh e a-steach don Royal Army Ordnance Corps. Ach, ged a tharraing eòlas san arm bhuaithe an obair a b' fheàrr a rinn e - a bhàrdachd cogaidh sa Ghàidhlig - rinn e cuideachd cron air inntinn. Chaidh a' phàirt mu dheireadh de bheatha a mhilleadh gu sòisealta agus a thaobh cruthachadh na obair sgrìobhte. Ach ged a bha a bhàrdachd thràth air cliù a chosnadh dha mar sgrìobhadair Gàidhlig, chun an seo cha d'fhuair e àite ann an litreachas Alba - sgrìobh e cuideachd ann am Beurla is ann an Albannach agus ann an iomadh cànan eile, Arabais nam measg - aithneachadh ceart. Chaidh obair a chruinneachadh is a dheasachadh le Micheal Byrne, foillsichte an 2000 mar 'Collected Poems and Songs of George Campbell Hay'.

Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal. Tha Aonghas Màrtainn ga leughadh an seo, le cead bho Urrasairean W. L. Lorimer agus an t-oighre aig Deòrsa Caimbeul Hay.

(Dealbh le cead coibhneil o Aonghas Màrtainn)