Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017

Mu Ar Deidhinn


Chaidh Am Baile a stèidheachadh ann an 2000 le co-bhanntachd air a stiùireadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus a bha cuideachd a’ gabhail a-steach Urras Taigh Chearsabhagh agus West Highland Animation.  Còmhla, chuir sinn romhainn tasglann didseatach de eachdraidh is cultar Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a chruthachadh, le stuthan a bha roimhe sin air a bhith doirbh an ruigsinn.  Bhon uair sin tha Am Baile air na deichean de mhìltean de nithean bho thasglannan, leabharlannan, taighean-tasgaidh is cruinneachaidhean prìobhaideach a chur ann an cruth didseatach is cothrom a thoirt do dhaoine am faicinn.

Chaidh am pròiseact a sponsaireachd an toiseach le Maoin airson Chothroman Ùra agus às dèidh sin le Comhairle na Gàidhealtachd.  Bhon Dàmhair 2011, tha Am Baile air a bhith maoinichte le High Life na Gàidhealtachd agus tha e air a stiùireadh mar phàirt de Seirbheis Tasglainn na Gàidhealtachd.

Chaidh an làrach-lìn thùsail a chur air bhog sa Chèitean 2003 agus choisinn i grunn dhuaisean an dà chuid airson farsaingeachd na susbaint a bhathar a’ tabhann agus airson nan dòighean innleachdach san robhar ga lìbhrigeadh.  Bha an làrach-lìn sin soirbheachail dhuinn ach feumaidh sinn ceum a chumail ri leasachaidhean agus ri dùilean an luchd-cleachdaidh.  Mar sin, tràth ann an 2014 chaidh sinn an lùib cùmhnant le Capture Ltd gus stòr-dàta agus làrach-lìn ùr a chruthachadh. Tha sinn an dòchas gu bheil iad a’ còrdadh ribh.

 

Goireas cànain Gàidhlig

Tha e riamh air a bhith na phrìomh amas aig Am Baile cultar agus dualchas Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a thaisbeanadh sa Ghàidhlig, agus goireas a thoirt seachad airson luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.  Faodar an làrach seo a chleachdadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla agus faodar leum bho chànan gu cànan aig àm sam bith.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture