Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017

Fàilte gu duilleagan nan Cruinneachaidhean againn. Tagh earrann gus am faic thu na cruinneachaidhean a tha ri fhaotainn.



Deilbh.

Lorgaidh tu an seo peantaidhean, dealbhan peansail agus gràbhalaidhean de chruthan-tìre Gàidhealach, de dhaoine ainmeil agus de rudan cruthaichte is obair ealain eile.

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)
Dealbhannan agus dealbh-sgrìobhaidhean air an toirt bho leabhraichean ann an cruinneachadh Fhriseil Mhic an Tòisich a tha air a chumail ann an Leabharlann Inbhir Nis
Gaelic Alphabet Through Trees
Brataichean a rinn clann bun-sgoile ann an Rois agus Crombaidh a tha a' riochdachadh gach litir den Aibidil Chraoibhe Ghàidhlig
Highland Folk Museum (illustrations)
Dealbhannan agus dealbh-sgrìobhaidhean bho leabhraichean agus chairtean-puist a tha air an cumail ann an Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
Highland Libraries - Illustrated postcards
Cruinneachadh de dh'ìomhaighean cairt-puist dealbhaichte bho air feadh na Gàidhealtachd, air an cumail ann an Leabharlannan na Gàidhealtachd
In the Hebrides, 1883
Dealbhannan bhon leabhar 'In the Hebrides', le CF Gordon Cumming (1883)
Inverness Town House 2007
Dealbhannan, cinn is guailnean agus uinneagan glainne-dhathte bho Thaigh Baile Inbhir Nis
Joseph Cook Collection (illustrations)
Taghadh de dh'obair-ealain a chruinnich Joseph Cook gus òraidean eachdraidheil neo-dhreuchdail a dhealbhachadh.
Mairi Hedderwick Drawings
Cruinneachadh de dhealbhan air an tarraing leis an ùghdar is neach-deilbh, Màiri Hedderwick, a tha cho measail aig daoine. Tha dà phrìomh chuspair aig a' chruinneachadh - Baile Ùr an t-Slèibh agus cuideachd Camanachd. 'S e pàirt de dh'Arclann Camanachd Jack Richmond a th' ann
Old Inverness by Pierre Delavault (1903)
'S e cruinneachadh de phriontan le Pierre Delavault a bha na mhaighstir ealain aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn a th' ann an Seann Inbhir Nis.Tha a' mhòr-chuid de na priontan tùsail agus grunnan eile anns an ath-chlò-bhualadh seo bho 1967

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations)
Dealbhannan de chaochladh làraich agus innleachdasan àirseachail air an toirt bho na 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland'
R.R. McIan Illustrations
Sreath de chairtean-puist a tha a' taisbeanadh obair an neach-ealain Albannaich Robert R McIan
Remarkable Ruins and Romantic Prospects
Dealbhannan air an toirt às an leabhar 'Remarkable Ruins and Romantic Prospects', le Charles Cordiner (1788)
Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
Cruinneachadh beag dhealbhannan a? buntainn ri Sgìre-Easbaig Mhoireibh, Rois & Ghallaibh. Nam measg tha dealbhannan de Chathair-eaglais Naomh Anndra ann an Inbhir Nis agus Lùchairt Spiathanaidh a bharrachd air cuid de dh?Easbaigean na Sgìre-eaglais
Sinclair of Ulbster: Account of Improvements
Mapaichean is planaichean air an toirt bho chunntas de na Leasachaidhean a bha Sir John Sinclair Ulbster air a dhealbhadh airson nan oighreachdan aige ann an Alba
St Andrew's Cathedral, Inverness
Cruinneachadh de dhealbhannan-camara a' sealltainn na Cathair-eaglais, Eden Court, Easbaigean is Àrd-Chlèirich, a bharrachd air còisirean is buidhnean eile le ceangal ris a' Chathair-eaglais
TCT - Aura A (photographs)
Dealbhan-camara is obair-ealain air an coimiseanadh 's air an taisbeanadh aig Ionad Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath
The Clans of the Scottish Highlands
Dealbhannan dathte le Robert R McIan a' sealltainn mòran de chinnidhean Gàidhealtachd na h-Alba
Wick Public Building Art
Measgachadh de phìosan ealain, a' gabhail a-steach dealbhannan de dhaoine, gràbhalaidhean is uinneagan glainne-dhathte a tha air an cumail ann an Talla-baile Inbhir Ùige agus Leabharlann Poblach Inbhir Ùige
Ye Booke of Halkirk, 1911
Ìomhaighean de dhaoine agus àiteachan a’ buntainn do bhaile Hacraig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture