Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017

Fàilte gu duilleagan nan Cruinneachaidhean againn. Tagh earrann gus am faic thu na cruinneachaidhean a tha ri fhaotainn.



Filmichean bhidio.

Lorgaidh tu an seo filmichean goirid beòthaichte agus criomagan film eachdraidheil.

16mm Silent Films
Dà fhilm sàmhach air an dèanamh sna 1940an airson Daibhidh Mac a' Bhriuthainn, fear nam busaichean 's nan aiseagan
Adams & Whitehouse films for Railway Roundabout
Còig filmean sàmhach mu rèile nan einnsean-smùid air a' Ghàidhealtachd. Chaidh an dèanamh airson prògram TV nan 1950an "Railway Roundabout" le John Adams agus Patrick Whitehouse
Before the Raid
Pìosan o fhilm propaganda Breatannach a chaidh a dhèanamh ann am Port Mo Cholmaig ann an 1942
Guthan nan Eilean / Island Voices
40 bhidio ghoirid, air an amas air luchd-ionnsachaidh de Bheurla is de Ghàidhlig, a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist is Beinn a' Bhaoghla.
Highland Deaf Culture - Our Memories & Language
Cruinneachadh agallamhan a tha a’ clàradh nan sgeulachdan sòisealta iongantach aig luchd-cleachdaidh Cànain Comharra Bhreatainn (BSL) air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan
Jimmy Nairn Films
Taghadh de dh'fhilmean dèanta le Jimmy Nairn, manaidsear taigh-deilbh Inbhir Nis, neach-camara & deanadair-filmean
Kingussie High School - Archive Film
Pìosan film on tasglann de dhiofar thachartas agus cuairt na sgoile anns a bheil sgoilearan is tidsearan aig Bun-sgoil agus Àrd-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich
Nurses League of Inverness Hospitals (film)
Bhidio bho 1986 nuair a thàinig daoine a bha ag obair mar bhanaltraman ann an ospadalan Inbhir Nis, bho na 1930an air adhart, còmhla a-rithist.
Pilgrimage to St Valery
Film mun turas a rinn buidheann de sheann luchd-seirbheis o Ghàidheil Chamshroin na Banrigh (51mh Roinn Ghàidhealach) don Fhraing a tuath ann an 1961
Tain & District Through The War Years
Dà agallamh a bha nam pàirt de phròiseact mu chuimhneachaidhean dhaoine a bha a' beò ann an sgìre Bhaile Dhubhthaich aig àm an Dàrna Cogaidh.
TCT - Aura A (videos)
Cruinneachadh de dh'fhilmean bhidio leis an Luchd-ealain Albannach Dalziell + Scullion air cuspair na h-àrainneachd agus ar co-cheangal rithe.

TCT - Continuum (videos)
Dà phìos o chuairt bhidio air a dhèanamh leis an neach-ealain Olwen Shone.
TCT - Passing Places - The Real Outer Hebrides (videos)
Barrachd air 60 filmean goirid air an dèanamh le muinntir nan Eilean Siar anns a' bhliadhna 2000.
TCT - Road Ends Sculpture (videos)
Dà fhilm ghoirid mun Phròiseact 'Road Ends Community Sculpture' ann an Uibhist is Beinn a' Bhaoghla.
TCT - The Crafts Project (videos)
Deich filmean goirid a tha a' coimhead air sgilean tionndadh fiodha, fighe bhasgaidean agus priontadh aodaich.
Their Past, Your Future 2009
Cruinneachadh de bhidiothan a' sealltainn daoine a thàinig beò tron Dàrna Cogadh a' bruidhinn mu na thàinig iad troimhe ri chlann bun-sgoile.
WHA - An Turas Siar (cartoons)
Sreath beòthail le seachd pàirtean leis an ainm "The Journey West" a chaidh a dhèanamh do Thelebhiseanan Grampian agus Alba.
WHA - Bog Fliuch (cartoons)
Còig filmean beòthail a chaidh a dhèanamh airson "Bog Fliuch", sreath a chaidh a chraoladh le Telebhiseanan Grampian agus Alba.
WHA - Gàidhlig Gu Leòr (cartoons)
Ochd filmean beòthail a chaidh an dèanamh airson an t-sreath 'Gaelic Galore' a chaidh a chraoladh leis a' BhBC ann an 1996.
WHA - Gaisgich na Gaidhealtachd (cartoons)
Naoi filmean beòthail air an dèanamh ann am bùithtean-obrach a rinn West Highland Animation. Chaidh mòran de na filmean seo an ainmeachadh airson, air neo choisinn iad, duaisean cliùiteach.
WHA - Uruisg na h-Alba (cartoons)
Còig filmean beòthail a chaidh an craoladh ann an Alba nam pàirt den t-sreath Scottish Urisk Animation air Telebhiseanan Grampian agus Alba
WHA - West Highland Animation (cartoons)
Dà fhilm beòthail, "Ogopogo agus Neasaidh" agus "A' Mheanbh-chuileag Mhòr"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture