Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017

Na Cumhaichean air Fad


Àicheadh-uallaich:
Leugh gu faiceallach am fiosrachadh seo mu àicheadh-uallaich mus cleachd thu am fiosrachadh air an làraich-lìn seo. Le bhith a' leantainn ort a-steach dhan làraich-lìn seo thathar a' meas gun do ghabh thu ri na cumhaichean a leanas.

Àicheadh-uallaich Susbaint:
Ann an ullachadh agus cumail suas na làraich-lìn chaidh gach oidhirp reusanta a dhèanamh fiosrachadh agus dàta neo-mhearachdach, làithreach, ceart a nochdadh ann an dòigh shoilleir. Ach, chan urrainn do High Life na Gàidhealtachd (an luchd-obrach fhèin agus an cunnradairean, fo-chunnradairean, luchd-aonaid agus luchd-cleamhnachaidh, agus luchd-obrach nam buidhnean sin) barantas a thoirt gu bheil am fiosrachadh, na cuspairean no an t-susbaint a nochdas air an làraich-lìn air neo air am faighear cothrom oirre, no a tha ceangailte ri no air a sgaoileadh tron làraich seo gun mhearachd.

Dlighe-sgrìobhaidh:
Faodar dealbhan a luchdachadh a-nuas bho Am Baile airson cleachdadh pearsanta, agus airson adhbharan foghlaim neo-mhalairteach leithid ann an rùm-teagaisg no àrainn teagaisg, air neo airson rannsachadh prìobhaideach. Gus dealbhan a chleachdadh ann an dòigh sam bith eile, leithid ann an irisean air neo air làrach-lìn a tha fosgailte don mhòr-shluagh, feumar rèite dlighe-sgrìobhaidh fhaighinn. Cuir fios thugainn agus stiùiridh sinn thu gu neach-seilbhe an dlighe-sgrìobhaidh.

Tha sinn a' creidsinn gu bheil cead an neach-seilbhe againn dealbhan a tha fhios againn a tha fo dhlighe-sgrìobhaidh fhoillseachadh. Ma tha thu a' smaoineachadh gu bheil sinn air stuth leatsa a tha fo dhlighe-sgrìobhaidh a chleachdadh gun fhiosta dhuinn, nach cuir thu fios thugainn.

Cleachdadh cumanta làrach-lìn Am Baile:
Chan eil High Life na Gàidhealtachd a' dol an urras gum bi an làrach-lìn seo gun bhriseadh no gun mhearachd, air neo gu bheil fiosrachadh, bathar-bog no stuth sam bith a gheibhear no air a bheil cothrom tron làraich-lìn saor bho bhìorasan, boiteagan, eich Thròidhe no nithean millteach eile. Le seo tha thu ag aideachadh le bhith a' gabhail cothrom air an làraich-lìn gu bheil thu a' gabhail ris nach bi buailteachd air High Life na Gàidhealtachd airson damaistean dìreach, neo-dhìreach, tuiteamach, sònraichte, peanasach no torrach air sgàth 's gun do chleachd thu an làrach-lìn seo, no nach b' urrainn dhut a chleachdadh, air neo air sgàth fiosrachadh, cuspair no susbaint a nochdas oirre, air am faighear cothrom oirre, a tha ceangailte ri air neo air a sgaoileadh tron làraich-lìn seo. Tha High Life na Gàidhealtachd cuideachd a' gleidheadh còir atharrachaidhean a dhèanamh air neo fiosrachadh, cuspair no susbaint a thoirt far na làraich aig àm sam bith gun bhrath agus gun cho-chomhairle ro làimh.

Còirichean Seilbhe Inntleachdail:
Tha na h-ainmean, na h-ìomhaighean agus na lògothan aig Am Baile nan comharran seilbhe le High Life na Gàidhealtachd. Chan fhaodar na lògothan againne a chopaigeadh, ach airson ceangal a dhèanamh ri Am Baile, agus/no lògothan no ìomhaighean le treas pàrtaidh air am faighear cothrom tron làraich-lìn seo, gun chead ro làimh bho neach-seilbhe an dlighe-sgrìobhaidh.

Dìon Dàta:
http://highlifehighland.com/privacy
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture