Air ais gu Làrach-dachaigh Sgoiltean
Log-air an seo

Clàr d' ùidh

Tha an làrach seo, a chaidh a chruthachadh a dh'aon ghnothaich, airson Bliadhna Chultarail na Gàidhealtachd 2007. Gus do chuideachadh ann a bhith a' rannsachadh, gheibh thu stòr-dàta air leth le stòrasan ionadail air an ceangal ri cuspairean anns a' chlàr-oideachaidh nàiseanta. An uair a tha thu air do chuspair a rannsachadh anns a' chlas, faodaidh tu do phròiseact le dealbhan, sgrìobhadh, fuaim agus bhidio a chur air-loidhne.

Faodaidh tu obair a chur a-steach ann an Gàidhlig no ann am Beurla agus chan fheum na sgoiltean a bhith anns a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan nas motha.

Dè as urrainn dhomh a dhèanamh?

  • Làrach-lìn phearsanta a chruthachadh airson do chlas no do sgoil
  • Faodaidh spòrs a bhith agad a' dealbhachadh do chumadair fhèin gus d' obair clas a thaisbeanadh
  • Foillseachadh ioma-meadhanach a rannsachadh agus le bhith a' cleachdadh dhealbhan, sgrìobhadh, fuaim agus bhidio
  • Cothrom air stòr-dàta air leth a chleachdadh gus ionnsachadh anns an t-seòmar-sgoile a neartachadh
  • Cur ri agus pròiseactan air-loidhne a leudachadh uair sam bith a tha thu ag iarraidh


Dè na buannachdan a th' ann?

  • Tha e furasta a chleachdadh agus tha e a leigeil le sgoilearan an ionnsachadh fhèin a stiùireadh agus togail a thoirt air an sgilean fhèin
  • Faodaidh obair clas a bhith air a chur air-loidhne agus air a roinn le daoine eile
  • Cothrom air iomadh seòrsa stòrais a chleachdadh, me dealbhan air-loidhne bho làraich ionadail agus nàiseanta aig a bheil ceangal ris an làraich
  • Cothrom aig na sgoilearan air bun-stuthan agus prìomh theisteanas fhaicinn agus a chleachdadh
  • Ceangal chuspairean chun a' chlàr-oideachaidh nàiseanta
  • Trèanadh agus taic
  • Gheibh thu pasgan taisbeanaidh Am Baile an uair a chlàras tu


Clàr an seo no cuir fios oirnn airson barrachd fiosrachaidh