
Tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan fhathast air aon de na sgìrean san Roinn Eòrpa leis an àireamh-sluaigh as lugha. Mar aon de na sgìrean 'fàsaich' mu dheireadh, saoilear 's dòcha nach eil ann ach beanntan lom, glinn aonaranach agus eileanan fàs gun dhaoine 's gun eachdraidh. 'S ann air a' chaochladh a tha a' chùis, ge-tà.
Eachdraidh fhada
Fad còrr math is 5,000 bliadhna tha dealbh-tìre na Gàidhealtachd air a bhith air a chumadh leis na daoine aice. Tha mar a bha a' choimhearsnachd air a h-òrdachadh agus na bha iad a' creidsinn air cumadh a thoirt do dh'eachdraidh agus cultar na sgìre. 'S e sgeulachd fhada thoinnte a th' innte - eachdraidh anns a bheil eilthireachd, eadar-phòsadh, tuineachadh agus gabhail a-steach, agus gu tric còmhstri.
Beul-aithris
Tha feum air sgilean nan arceòlaichean gus fuasgladh fhaighinn air dìomhaireachdan an luchd-tuineachaidh thràth, ach suas bho àm nan Ròmanach thòisich criomagan de dh'eachdraidh sgrìobhte a' nochdadh. Còmhla ri stòr prìseil de dh'òrain agus sgeulachdan bho bheul-aithris, tha sin a' toirt dhuinn dealbh nas coileanta air dòigh-beatha nan daoine on linn sin suas. Thairis air na bliadhnaichean tha grunn chruinnichean air mòran stuthan bho bheul-aithris a chruinneachadh agus a chlàradh. Tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ainmeil a thaobh beul-aithris agus tha an nòs sin ri fhaicinn ann am bàrdachd agus òrain nam bàrd.
Daoine cumanta
Shìos tro na linntean b' e na fir agus na mnathan cumanta a thug cumadh don choimhearsnachd Ghàidhealach. B' iadsan na daoine a thug a-steach toradh an fhearainn agus na mara, a rinn tuineachaidhean, a thog coimhearsnachdan agus bailtean, a thog teaghlaichean agus a chuir cath ann an cogaidhean.
Daoine ainmeil
Anns gach linn ge-tà, nochd daoine air leth air an robh cuimhne fada an dèidh dhaibh bàsachadh. Tha cuimhne air an ainmean air sgàth 's na choilion iad air neo air sgàth pàirt a bh' aca aig amannan èiginneach ann an eachdraidh. Tha cuimhne air cuid airson am math a rinn iad, cuid eile airson an cron a rinn iad. Gus an là an-diugh tha connspaid agus deasbad timcheall air na rinn cuid aca.
Sealladh an neach-tadhail air na Daoine 's air an Àite
Bho anmoch anns an 18mh linn, tha dealbh-tìre agus cultar na Gàidhealtachd air daoine a thàladh o thaobh a-muigh na sgìre. Chùm mòran dhiubh cunntas air na cuairtean aca. Tha na h-aithrisean sin a' toirt sealladh luachmhor dhuinn air beatha nan daoine thairis air an dà linn mu dheireadh. Tha iad cuideachd a' cur solas air an dòigh san robh a' Ghàidhealtachd air a faicinn agus air a samhlachadh ris an t-saoghal mhòr.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh -
Scarlett, James
The Highland People
Hunter, James
Last of the Free
Mitchison, Rosalind
Lordship to Patronage : Scotland 1603-1745
Edinburgh, EUP, 1990
Checkland, Olive and Checkland, Sydney
Industry and Ethos: Scotland 1832-1914
Edinburgh, EUP, 1989
Barrow, G.W.S.
Kingship and Unity
Harvie, Christopher
No Gods and Precious Few Heroes
Smyth, Alfred
Warlords and Holy Men
Grant, Alexander
Independence and Nationhood
Devine, T. M
The Scottish Nation
Faigh tuilleadh leabhraichean mu dhaoine
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: