Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Tain Charter, 1529

religion

Tha Creideamh air a bhith riamh na phàirt cudromach de bheatha agus dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Amannan Ro-Chrìosdail
Is beag is aithne dhuinn mun t-seòrsa creideimh a bha aig ar sìnnsirean, na sealgairean cruinneachaidh. Tha ceangal ri creideamh aig mòran de na carraighean àrsaidh ro-eachdraidheil a tha air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, me Tursachan Chalanais. Tha cuid a' creidsinn gun robh iad air an cleachdadh gus amannan agus ràithean a thomhas leis a' ghrèin agus a' ghealaich.

An Eaglais Cheilteach
Thàinig Crìosdaidheachd dhan Ghàidhealtachd agus do na h-Eileanan an toiseach san t-6mh linn. Stèidhich Colum Cille manachainn Cheilteach air Eilean Ì mu 563AD. Bho Eilean Ì chaidh miseanaraidhean a-mach air feadh Alba agus fiù 's dhan Roinn Eòrpa an Iar ag iompachadh mòran dhaoine gu Crìosdaidheachd. Tha ainmean-àite a'tòiseachadh le Cill (Kil) a tha a' tighinn bho 'cealla' mar a bhiodh ann am manachainn, mar eisimpleir Cill Tighearna (Kiltearn) no Cill Iùrnain (Killearnan), nan comharraidhean matha air far an robh na h-eaglaisean bu tràithe air an suidheachadh.

An Eaglais Chaitligeach
Lean an Eaglais Cheilteach bhon t-6mh dhan 12na linn, ach beag air bheag thàinig i fo bhuaidh na h-Eaglaise Caitligich. Bhon àm sin suas dhan Ath-leasachadh ann an 1560 bha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Caitligeach, còmhla ris a' chòrr de dh'Alba. Aig an àm seo leudaich cumhachd agus buaidh na h-Eaglaise. Ach, bha i cuideachd a toirt seachad foghlam agus cùram sòisealta, agus thog i eaglaisean grinn leithid cathair-eaglaisean Dhòrnaich agus Naoimh Mhànuis

An dèidh an Ath-leasachaidh
An dèidh an Ath-leasachaidh, ghabh Pàrlamaid Alba ri Eaglais na h-Alba ann an 1590 agus, ann an 1690, b? i an Eaglais stèidhichte. Bha i air a riaghladh air mhodh clèireach agus b? e seanairean (èildearan) na h-eaglais a bha a? dèanamh cho-dhùnaidhean.
Thug Clèireachd greis mus deach gabhail ris sa Ghàidhealtachd. Lean cuid ris a? chreideamh Ròmanach ann an Uibhist a Deas agus am Barraigh sna h-Eileanan Siar, agus ann an Cnòideart, Loch Abar agus Bràigh Mhàrr air tìr-mòr. Ghlèidh na h-Easbaigich iomadh parraiste gu Ar-a-mach nan Seumasach. An dèidh ar-a-mach 1715 agus 1746, chaidh laghan a stèidheachadh airson feuchainn ri cur às do dh?Eaglais Easbaigich na h-Alba. A dh?aindeoin sin, lean an eaglais sin sa Ghàidhealtachd, le adhradh Gàidhlig, san Apainn ?s an Gleann Comhann, ann an Srath Narann is ann an Inbhir Nis, ann an Siorrachd Rois agus san Eilean Dubh. Bha eaglais an Naoimh Eòin ann an Arpa-phìlidh a? cur theachdairean air feadh na Gàidhealtachd. Bha iadsan a? frithealadh nan daoine a bha dìleas dhan eaglais eachdraidheil, agus bha iad a? cumail seirbheis Ghàidhlig gu toiseach an 20mh linn. Bha grèim mòr aig Pàganachd cuideachd air an t-sluagh suas gu deireadh an t-17mh linn.

Briseadh às dèidh briseadh
Tràth san 19mh linn bha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan gu daingeann Clèireach. Nuair a thàinig Briseadh 1843, thàinig a' mhòr-chuid dhen t-sluagh a-mach leis an Eaglais Shaoir, a chaidh na h-Eaglais Shaoir Aonaichte greis an dèidh sin. An ceann leth-cheud bliadhna ri linn strì anns an Eaglais Shaoir Aonaichte bhris an Eaglais Shaor Chlèireach (1893) agus an Eaglais Shaor (1900) air falbh.

Cor creideimh an-diugh
O chionn ghoirid tha ballrachd eaglaisean de gach seòrsa air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan air crìonadh, ged nach eil an crìonadh cho mòr 's a tha e ann an sgìrean eile de Bhreatainn.




  • Tagh cuspair an liosta air an làimh chlì fon Creideamh sa bheil ùidh agad airson cùisean a lorg san tasglann againn



LEABHAR-CHLÀR

Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh - Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd' Catalogue

Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Check Highland Libraries' Catalogue
Vol 19, 1893-94, pp37-49 Rev. Archibald MacDonald 'Religion and Mythology of the Celts'

Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Check Highland Libraries' Catalogue
vol 6, 1877-78, pp 88-102 R.G.Tolmier 'Remains of Ancient Religion in the North'



dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village