
Còrr is ceud bliadhna mus deach an Canàl Caileannach a thogail rinn Coinneach Odhar fàisneachd gun tigeadh an latha nuair a bhiodh bàtaichean fo làn-shiùil air am faicinn a' seòladh gu sear agus gu siar air cùl Tom na h-Iùbhraich faisg air Inbhir Nis.
Togail
Thòisich togail a' Chanàil ann an 1803. B' e Tòmas Telford, fear de na h-innleadairean-thogalach as ainmeile aig Alba, a bha mu thràth ri mholadh airson ficheadan de rathaidean agus drochaidean, a dhealbhaich an Canàl. Bha an Canàl ri slighe shàbhailte a dhèanamh do bhàtaichean a' Chabhlaich Rìoghail aig àm Cogaidhean Napòleon. Cha leig sinn a leas a ràdh gun robh na cogaidhean seachad mus deach a chrìochnachadh agus fhosgladh ann an 1822. Thug e cha mhòr fichead bliadhna crìoch a chur air.
Àireamhan cudromach
Tha an Canàl Caileannach 60 mìle a dh'fhad. (96.56cil.); dà thrian dhe sin 's e na trì lochan a tha anns a' Ghleann Mhòr. Bho lagan na Corpaich aig ceann na Linne Duibh, tro Loch Lòchaidh, Loch Omhaich agus Loch Nis gu lagan Baile an Fhraoich tha an Canàl na shlighe teàrainte eadar an Cuan Siar agus an Cuan a Tuath. Tha 29 glasan air; 's e Staidhre Neptune aig a' Chorpaich faisg air ceann siar a' Chanàil as ainmeile dhiubh. Bha còir aige £474,500 a chosg, ach chosg e a dhà uimhir aig a' cheann thall.
Buaidh eaconamach
A rèir slat-tomhais sam bith 's e obair innleadaireachd ionganatach a tha anns a' Chanàl, agus chan eil ach aon chanàl eile anns a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ('s e Canàl a' Chrìonain an dara fear agus tha e gu math nas lugha). Leigidh an Canàl le bàtaichean An Caol Arcach cunnartach a sheachnadh agus cuideachd na h-uisgeachan cruadalach gu tuath air Alba. Bhrosnaich e fàs eaconamach agus thug e cosnadh don Ghàidhealtachd. B' ann anns na 1880an a bu trainge an Canàl. Bhiodh seiribhisean cunbhalach do luchd-siubhail agus bàtaichean iasgaich a' strì ri luchdan fiodha, gràin, salainn, lìn, iarainn agus stuthan eile
An Canàl an-diugh
Chaidh Frìth-rathad a' Ghlinn Mhòir, an treas frith-rathad as fhaide air a' Ghàidhealtachd, fhosgladh le HRH Am Prionnsa Anndra, Iarla Inbhir Nis, air 30 Giblean 2002. Faodaidh daoine a-nis fad a' Chanàil a choiseachd gu furasta gu ìre mhath.
Chaidh obair gleidhidh air a' Chanàl agus obair càraidh air na glasan a dhèanamh o chionn ghoirid. Mar sin bu chòir gum biodh an Canàl ag obrachadh agus soirbheachail san àm ri teachd.
If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - ![]()
Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness
vol 8, 1886-87, pp 313-35 Ross, Alexander 'The Caledonian Canal and its Effects on the Highlands'
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: