
Iòsaph Cook (1880 - 1973)
B' e mac dha Raibeart Cook agus Màiri Walker a bh' ann an Iòsaph Cook agus rugadh e ann an Inbhir Nis air 14 Dàmhair 1880. Fhritheil e Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mus deach e a-steach a dh'obair dhan chompanaidh aig a theaghlach, Seumas Walker & Co., marsantaich fhiodha aig an robh àite-obrach aig A' Chladach. Tron Chiad Chogadh Mòr bha e na chaiptean sna Camshronaich agus mus d'fhuair e di-fheachdachd bha e ag obair dhan t-seirbheis choilltearachd. Phòs e Caitrìona (Ceit) Rothach Bookless, nighean Sheumais Bookless, fear-iasgaich le gnothachas ann an Sràid an Aonaidh. Phòs iad ann an taigh a pàrantan air 20 Samhain 1915. Nuair a bhàsaich athair, chaidh Iòsaph na mhanaidsear air a' mhuilinn shàbhaidh agus chùm e an obair sin airson 65 bliadhna.
Bha e na bhall bunaiteach de Chlub Rotaraidh Inbhir Nis, na mhanaidsear air Banca Tasgaidh Inbhir Nis, na dheucon san Eaglais Shaoir agus airson 50 bliadhna bha e na bhall de dh'Urras Acarsaid Inbhir Nis. Cuideachd, bha e na eachdraiche dealasach neo-dhreuchdail agus bhiodh e a' toirt seachad òraidean le sleamhnagan lainnteir, a thuilleadh air cruinneachadh de dheilbh de dh'Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt. Tha sreath de na h-airtigilean a sgrìobh e dhan Inverness Courier a' nochdadh san leabhar aige, The Port of Inverness, a chaidh fhoillseachadh ann an 1931. Dh'ionnsaich e dha fhèin mar a dhèanadh e dealbhan-sgrìobhaidh agus chaidh dhà de na dealbhan aige 'Off Cromarty' agus 'Avoch Fishing Boats' a cheannach le companaidh foillseachaidh ealain ann an Lunnainn.
An toiseach, bha e fhèin agus a bhean a' fuireach aig 7 Rathad Muirfield mus do thog iad taigh ùr sa ghàrradh a thàinig gu bhith na àireamh 15. Bha ùidh aige fhèin `s aig a bhean cuideachd ann an Taigh-dhìlleachdain na Gàidhealtachd agus bhiodh Ceit a' cumail phàrtaidhean fuaigheil gus aodach a dhèanamh dhan chloinn. Cha robh clann aca fhèin idir ach aig àm an Dàrna Cogaidh thug iad a-steach Teàrlach Massey, neach-falamhachaidh, a dh'uchd-mhacaich iad às dèidh sin. Chomharraich iad am Banais Òir ann an 1965.
Bhàsaich Ceit ann an 1966 agus Iòsaph ann an 1973. Bha e 92. San iomradh-bàis aige tha e air a ràdh gur e duine 'bàidheil le modh-giùlain taitneach aig an robh dòigh àbhachdach no gu dearbh èibhinn' a bh' ann.
Chaidh cruinneachadh nan dealbhan aige a thoirt dha Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis agus tha mòran dhiubh rim faicinn air an làraich, Am Baile.
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: