Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Balach le Bara

people

Stiùidio Dhàibhidh MhicIlleBhàin



 Stiùidio Dhàibhidh MhicIlleBhàin


Thàinig Daibhidh Whyte (1841-1905), 'Leading Photographer of the North' mar a bha aige air fhèin, a dh'Inbhir Nis anns na 1860an. Bhuineadh e do dh'Inbhir Àir agus b' ann bho sin a thàinig e a dh'Inbhir Nis gus gnothachas dhealbh a stèidheachadh anns a' bhaile. B' ann air Sràid Greig a bha a' chiad togalach aige ach ann an ùine ghoirid bha sin ro bheag agus ghluis e gu luath gu togalaichean air Sràid Hunndaidh agus an uair sin gu Sràid an Aonaidh. Ann an 1870 cheannaich e na gnothachasan aig an fheadhainn a bha a' farpais ris, Messrs Collier & Park, aig 18 Sràid na h-Eaglaise. Uaireigin anns na 1870an ghluais e airson an turais mu dheireadh, sìos an t-sràid gu 57 Sràid na h-Eaglaise agus 's ann an sin a dh'fhan an gnothachas gu 1985.

B' ann air an iarraidh a dh'aon ghnothach a bha a' chuid bu mhotha dhe na dealbhan agus am measg nam feadhainn a chaidh a thogail tha dealbhan de theaghlaichean, bainnsean agus leanabhan. Tha mòran dhe na dealbhan de dh'aghaidhean thogalaichean agus aghaidhean bùtha air leth inntinneach do dh'eachdraichean sòisealta.

An dèidh a bhàs ann an 1905 lean a bhanntrach oirre leis a' ghnothachas airson iomadh bliadhna. An dèidh sin, bha an gnothachas fo smachd iomadach duine ach chaidh Whyte's a chumail anns an ainm. Dhùin e airson an turais mu dheireadh ann an 1985. Dh'fhàg an duine mu dheireadh dom bu leis an gnothachas, Mgr. F. Hardley, an cruinneachadh mòr de mu 140,000 neagataibh agus dealbh do Sheirbheis Taighean-tasgaidh Comhairle na Gàidhealtachd. Tha iad a-nis fo chùram Tasglann Dealbh na Gàidhealtachd.

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village